Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

20 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thuirt tosgaire ùr nan Dùthchannan Aonaichte do Shiria gu bheil e deònach bruidhinn ris a' Cheann-suidhe Assad son feuchainn ri stad a chuir air an t-sabaid anns an dùthaich. Tha Lakhdar Brahimi, a bha na mhinistear cèin ann an Algeria, a' gabhail àite Kofi Annan. Tha ùine luchd-fàire an UN ann an Siria a' tighinn gu ceann gu h-oifigeal an-diugh. Chaidh an sgioba a chuir gu ruige Siria son sùil a chumail air fois-foirneirt ach cha tàinig sin a-riamh gu buil.

Tinneas an t-Siucair

Tha e coltach gu bheil cairteal a' mhillean de shluagh Alba a' fulaing le tinneas an t-siucair. Tha an rannsachadh bliadhnail aig a' bhuidhinn Diabetes na h-Alba ag ràdh gun do dh'èirich an àireamh a tha a' fulaing mu dheich mìle air a' bhliadhna a chaidh seachad. 'S e an dàrna gnè den tinneas, Type 2, as bitheanta.

Taighean

Tha Riaghaltas na h-Alba a' bruidhinn ris a' ghnìomhachas togail mu sgeama fom biodh cha mhòr a h-uile sgillinn de mhorgaidse ga thabhann air daoine a tha a' ceannach dachaigh. Thuirt Philip Hogg, Àrd-oifigear na buidhne Homes For Scotland, gun tèid an sgeama ùr fhoillseachadh an ceann beagan sheachdainnean.

Tubaist

Thuirt maoir-chladaich ann an Somerset gur ann a' coimhead son corp a tha iad a-nis an dèidh do ghille beag a dhol a dhìth sa mhuir feasgar an-dè. Thuit an leanabh, a bha ceithir bliadhna de dh'aois, far cidhe ann am Burnham-on-Sea.

Comhairle

Chaidh ceannard ùr a thaghadh airson sgìre Ghallaibh 's Chataibh de Chomhairle na Gàidhealtachd. 'S i an comhairliche Làbarach à Cataibh Deirdre NicAoidh a bhios os cionn na comataidh sgìreil ùir. Buinidh a' Bhean-pòsda NicAoidh do Ghallaibh ach tha i an-diugh a' fuireach air taobh sear Chataibh - an sgìre a tha i a' riochdachadh air a' Chomhairle. Thuirt i gu bheil cothrom sònraichte a-nis aig buill na sgìre piseach a thoirt air an àite fon sgeama a th' aig a' Chomhairle airson deamocrasaidh ionadail a stèidheachadh.

Beàrnaraigh

Tha muinntir Bheàrnaraigh air taobh siar Leòdhais airson còirichean ceannach an fhearainn a chleachdadh airson smachd fhaighinn air Beàrnaraigh Mòr agus Beàrnaraigh Beag. Dh'iarr an t-uachdaran Robin Mirrlees nach maireann na thiomnadh Beàrnaraigh Beag a thoirt do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba. Ach tha muinntir an àite ag iarraidh an dà eilean a cheannach dhaibh fhèin.