Stèiseanan poilis ann an cunnart?

  • 20 An Lùnasdal 2012
Dàibhidh McLetchie
Image caption Tha Dàibhidh McLetchie a' togail cheist mun bhuaidh a bheir feachd poilis nàiseanta air an t-seirbheis ann an sgìrean iomallach

Tha buaireadh poileataigeach air èirigh mun bhuaidh a bheir feachd poilis nàiseanta air an t-seirbheis a bhios ga toirt seachad ann an sgìrean iomallach.

Sheall figearan air an d' fhuair Am Pàrtaidh Tòraidheach ann an Alba greim, gun deach an còigeamh cuid de stèiseanan poilis na h-Alba a dhùnadh, neo chaidh na h-uairean-fosglaidh aca a ghearradh, anns na còig bliadhna a dh'fhalbh.

Bha 26 dhen na stèiseanan sin anns an sgìre air a bheil Polais a' Chinn a Tuath a' frithealadh.

Thuirt am ball Tòraidheach Dàibhidh McLetchie BPA gur e "droch chomharra" a th' anns na figearan, 's feachd poilis nàiseanta gu bhith air a stèidheachadh an ath-bhliadhna.

Thuirt e gu bheil àite cudromach aig stèiseanan poilis ann am beatha na coimhearsnachd, agus gur e adhbhar dragh a th' ann gu bheil uidhir dhiubh air dùnadh ann an ùine cho goirid.

Dìon

Chaidh Riaghaltas na h-Alba às àicheadh ge-tà gu bheil an t-seirbheis a tha coimhearsnachdan a' faighinn air fulaing air sgàth nan atharrachaidhean.

Thuirt fear-labhairt an Riaghaltais gu bheil 37 bliadhna ann bho bha ìre na h-eucoir ann an Alba cho ìosal 's a tha i an-dràsta.

Thuirt e cuideachd gur e na polais fhèin tha a' co-dhùnadh far am bu chòir dhan na h-oifisean aca a bhith sùidhichte, 's nach e an Riaghaltas.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile