Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ian Brady

Tha Poilis sgìre Mhanchester den bheachd gu bheil am murtair Ian Brady air fiosrachadh a thoirt seachad mu far an do thiodhlaic e nighean a chaidh a mhurt leis fhèin agus Myra Hindley. Tha oifigearan a' rannsachadh an do chuir Brady am fiosrachadh ann an litir gu màthair Keith Bennet, a chaidh a mhurt ann an 1964. Thathas a' tuigsinn nach robh Brady airson 's gun deadh an litir fhosgladh cho fad 's a bha e beò. Tha na Poilis air boireannach, 49, a leigeil ma sgaoil air urras às dèidh dhaibh a cur an grèim fo amharas gun robh i a' cleith fiosrachaidh bho na h-ùghdarrasan agus gun do chuir i bacadh air tiodhlacadh cuirp. Tha e air a thuigsinn gur i riochdaire slàinte-inntinn Bhrady, Jackie Powell.

Bàis

Dh'èirich an àireamh de bhàis co-cheangailte ri drogaichean agus deoch-làidir ann an Alba chun na h-ìre as àirde riamh an-uiridh. Tha àireamhan bho Riaghaltas na h-Alba a' sealltainn gun deach 584 bàs a chlàradh anna n 2011 - suas faisg air 100 air a' bhliadhna ron a sin, agus còrr is trì chairteil nas àirde na an àireamh airson 2001. Bha gnothach aig Heroin no Morphine ri timcheall air an treas cuid de na bàis, le Methadone a' toirt buaidh air faisg air an dara leth dhiubh.

Afganastan

Dh'fhoillsich NATO gun deach dithis shaighdearan Aimeireaganach a mharbhadh nuair a loisg oifigear poilis Afganach orra ann an sgìre Farah air taobh siar na dùthcha. Thuirt neach-labhairt na buidhne gun deach am poileasman a mharbhadh nuair a chaidh losgadh air ais air.

Diùc Dhùn Èideann

Tha cobhair fhathast ga dhèanamh air a' Phrionnsa Philip san ospadal ann an Obar Dheathain, agus e a' fulang le tinneas aotramain. Tha na dotairean aige ag ràdh gu bheil am Prionnsa air adhartas a dhèanamh o thàinig e a-steach thuca Diciadain, ach gu bheil feum aige air fois, agus nach bi duine a' tadhail air an-diugh idir. Dhearbh an MOD gun do chuir iad heileacoptair Feachd an Adhair à Inbhir Lòsaidh gu Baile Mhoireil airson am Prionnsa a thogail dhan ospadal, ach gun robh an ceò cho dona 's gum b'fheudar dhaibh cur às dhan phlana sin.

Afraga a Deas

Thathas a-nis an dùil gun deach còrr is 30 duine a mharbhadh an-dè nuair a loisg Poilis Afraga a Deas air na mìltean mhèinnearan armaichte a bha a' togail fianais aig mèine platinum ann an iar-thuath na dùthcha. B'e seo fear de na cùisean as miosa dhe sheòrsa bho thàinig Apartheid gu crìch, agus tha na h-aonaidhean ciùird air rannsachadh mionaideach iarraidh air dè thachair.