"Chan eil dàil an t-Sròim na iongnadh"

  • 17 An Lùnasdal 2012
Caolas an t-Sròim
Image caption Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd sgrùdadh air na diofar roghainnean a th' ann son seach-rathad an t-Sròim.

Cha bu chòir iongnadh a bhith air duine nach tòisich obair air seach-rathad an t-Sròim gu co-dhiù 2015, a rèir fhir a tha air a bhith a' fuireach san sgìre fad bhliadhnaichean.

Thuirt an t-Urr. Ailean MacArtair gu bheil deagh fhios aig muinntir an àite mar a tha gnothaichean ag obair.

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo £500,000 a chosg air sgrùdadh air suidheachadh an t-seach-rathaid.

Nì iad rannsachadh, a mhaireas sia mìosan, air na roghainnean air fad a th' ann son fuasgladh maireannach fhaighinn, is maoimtean-slèibhe tric air an rathad a dhùnadh.

Eadar sin agus am pròiseas a thig às dèidh an sgrùdaidh, bidh 2015 ann co-dhiù mus tèid spaid dhan talamh.

A rèir Mhgr MhicArtair, cha bu chòir a' Chomhairle a chàineadh ri linn a' cho-dhùnaidh aca.

"A' chuid as motha dhe na daoine a tha sa choimhearsnachd seo, tha mi a' smaoineachadh nach e briseadh-dùil a th' ann.

"S math a bha fios aca nach robh e a' dol a thachairt dìreach cho luath ri sin.

"Bidh iad toilichte gu leòr ma tha iad cinnteach gu bheil rudeigin ga dhèanamh.

"Ma dh'fhàgas iad an suidheachadh mar a tha e, gun càil a dhèanamh, 's e rud eile a bhiodh an sin," thuirt e.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun till iad dhan choimhearsnachd sa Mhàrt an ath-bhliadhna son cho-chomhairleachadh eile, nuair a bhios an sgrùdadh deiseil.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile