Riadh nan Rabaidean

  • 17 An Lùnasdal 2012
Rabaidean
Image caption Tha na creutairean air a dhol nam plàigh air an eilean bheag.

Tha taigh-bìdhe ann an Eilean Chanaigh a' faighinn iomadh dòigh air biadh a dhèanamh de rud a th' air a dhol na phlàigh air an eilean.

Tha rabaidean a' tolladh air feadh an eilein, agus tha dragh ann gun adhbharaich iad crìonadh talmhainn.

Dh'èirich an àireamh de na beathaichean san eilean an dèidh iomairt a chuir às do radain ann an Canaigh, a bha nan cunnart do dh'eòin mhara.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba, leis a bheil an t-eilean, a' cur iomairt an gnìomh gus na tha de rabaidean ann an Canaigh a lùghdachadh gu mòr.

Anns an eadar-ama, tha na h-Eileanaich a' lorg dhòighean air buannachd eaconamach fhaighinn às an trioblaid.

"Tha e cudromach dhuinn stuth ionadail agus seasmhach a chleachdadh," thuirt Amanda NicPhaidein, manaidsear taigh-bìdhe an eilein an Gille Brìghde.

"'S e cothrom mìorbhailleach a th' ann airson rudan fheuchainn, 's fhuair sinn gur e rud a th' ann leis an gabh an t-uabhas rudan dèanamh.

"Tha pâté againn, tha pàidh rabaid againn, 's thòisich sinn cuideachd air burgairean a dhèanamh.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feuch sinn chorizo rabaid an ath-bhliadhna," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile