Binn prìosain is casg air dràibhear a dh'adhbharaich bàs

Chaidh còig bliadhna prìosain air fear à Gallaibh, a bha a' dràibheadh charbaid a chaidh far an rathaid 's a thug bàs do charaid dha.

Bhuail an carbad a bha Stuart MacCulloch a' dràibheadh ann am balla air an A9 aig Spideil, air 26mh an Gearran an-uiridh.

Chaochail Mìcheal Camshron, a bha 23, anns an tubaist.

Dh'aidich MacCullaoch, a tha 28, gun robh e a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe agus gu mì-chùramach.

Sheall sampail fala a thugadh bhuaithe san ospadal gun robh 102mg de dh'alcol anns gach 100ml de a chuid fala. Chan fhaodar ach 80mg airson gach 100ml fala.

Chaidh a chasg bho dhràibheadh fad deich bliadhna.