Dithis gan leagail le trèana air Mòinteach Rainich

  • 15 An Lùnasdal 2012
Heileacoptair eiridinn
Image caption Chaidh casan aon den dithis a dhroch ghoirteachadh.

Chaidh dithis luchd-coiseachd às a' Ghearmailt a leagail le trèana air Mòinteach Rainich oidhche Mhàirt.

Thathas a' tuigsinn gun robh an dithis, aois 52 agus 87, air a bhith ag iasgach san sgìre, agus gun robh iad a' coiseachd air an loidhne rèile eadar stèiseanan Coire Odhair agus Rainich mu 18:40f nuair a chaidh bualadh annta le trèana a bha a' siubhail à Malaig gu ruige Ghlaschu.

Chaidh na casan aig fear de na Gearmailtich a ghortachadh gu dona, leis am fear eile a' fulang lotan mun cheann.

Chaidh fear dhiubh a thogail dhan ospadal ann an Glaschu, agus am fear eile don Ghearasdan le heileacoptairean eiridinn.

Tha an loidhne air fosgladh a-rithist.