Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-Cosnaidh

Eadar an Giblean 's an t-Ògmhios thuit an àireamh de dh'Albannaich a bha a' sireadh cosnaidh gu 214,000 - lùghdachadh de 5,000. Tha seo a' fàgail gu bheil ìre chion-cosnaidh na h-Alba beagan nas ìsle na an ìre airson na Rìoghachd Aonaichte, a tha a' seasamh aig 8%. Dh'èirich an àireamh de dh'Albannaich aig a bheil cosnadh 12,000 gu ruige 2.5 millean. Ann am Breatainn gu lèir thuit àireamhan cion-cosnaidh 46,000 anns an dàrna cairteal den bhliadhna gu 2,560,000.

Seibrheis Rèile a' Chosta an Iar

Thàinig rabhadh o Sir Richard Branson gur e là dubh a th' ann do luchd-siubhail, agus a' chompanaidh aige, Virgin Rail, a' call an cùmhnant airson a bhith a' ruith seirbheis rèile a' chosta an iar às dèidh 15 bliadhna. Chaidh an cùmhnant a thoirt do First Group, leis a bheil Scotrail agus Great Western, às dèidh dhaibh tairgse nas àirde a thabhainn dhan Riaghaltas. Tha na h-aonaidhean ciùird den bheachd gu bheil an tairgse aig First Group cho cosgail 's gum bi aca ri obraichean a ghearradh agus faraidhean a chur an-àirde. Ach tha a' chompanaidh ag ràdh gun tèid aca air mòran a bharrachd luchd-siubhail a thàladh le bhith a' toirt piseach air seirbheisean.

Siria

Thuirt Riaghaltas Shiria nach deach gin de luchd-obrach nan Dùthchanan Aonaichte a leòn ann an spreadh mòr ann an Damascus an-diugh sa mhadainn. Chaidh am boma a spreadh faisg air taigh-òsta a tha ga chleachdadh le luchd-obrach an UN. Thuirt Arm Saor Shiria gun robh iad air a bhith ag amas air coinneamh de cheannardan airm an Riaghaltais.

Còmhdhail Sgoile

Chuir Comhairle nan Eilean Siar dàil air planaichean a bheir air cuid de sgoilearan pàigheadh airson a bhith a' cleachdadh bhusaichean sgoile. Tha dùil aig pàrantan caismeachd a chumail an aghaidh nam planaichean aig prìomh oifis an ùghdarrais ann an Steòrnabhagh an-diugh fhathast. Tha Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, air gabhail ris nach deach fiosrachadh a thoirt dha na pàrantan ann an deagh àm mu na bha san amharc. Ach chaidh e às àicheadh gun robh a' bhuidheann SNP air a' Chomhairle air a bhith ceart mun chùis agus gun robh esan air a bhith ceàrr.

Ionad Slàinte-Inntinn

Thèid casaidean deamad agus droch-dhìol a chur às leth ceathrar luchd-obrach aig ionad slàinte-inntinn ann an Yorkshire a Deas. Thuirt Seirbheis Casaid a' Chrùin gu bheil na casaidean a' beantainn ri mar a chaidh dèiligeadh ri 18 euslainteach a bha a' faighinn cobhair aig Ospadal an Naoimh Catriona ann an Doncaster eadar 2005 agus 2007.

Scrabble

Chaidh fear de phrìomh chluicheadairean scrabble nan Stàitean Aonaichte a thilgeil a-mach à farpais nàiseanta na dùthcha airson a bhith a' feuchainn ri car a thoirt à britheamhan agus farpaisich. Chaidh am mealltair a ghlacadh aig an fharpais ann am Florida nuair a mhothaich farpaiseach a bha a' suidhe aig bòrd eile gun robh dà leacag bhàn aige fallaichte na làimh. Cha deach am mealltair ainmeachadh seach gu bheil e fo aois 18 bliadhna.