Bileag £1 ga diùltadh am Bràigh Mhàrr

  • 15 An Lùnasdal 2012
Billeag-not Image copyright other
Image caption Chan fhaicear na bileagan £1 gu tric air Tìr Mòr san là a th' ann.

Tha fear-gnothaich à Leòdhas air gearain a dhèanamh às dèidh mar a dhiùlt bùth ann am Bràigh Mhàrr, ann an Siorrachd Obar Dheathain, gabhail ri bileag £1.

Bha Iain Moireasdan a' toirt bus làn de luchd-turais às na h-Eileanan mu chuairt na sgìre, agus dh'fheuch fear den luchd-turais ri pàipear-naidheachd a cheannach ann am bùth pharmasaidh a' bhaile.

"Leig mi às a h-uile duine, 's bha feadhainn aca a' dol a dh'fhaighinn phàipearan-naidheachd 's rudan den t-seòrsa sin," thuirt Mgr Moireasdan.

"Chunnaic mi feadhainn a' dol a-steach dhan bhùth a bha seo, 's chaidh mi a-steach mionaid no dhà às an dèidh, 's chuala mi am boireannach ag ràdh rudeigin mar "Oh! Bu chòir dhut sin a chumail 's a chur air ebay. Tha daoine a phàigheas £30 airson rud den t-seòrsa sin."

Cunngaidh-lèighis

"Dè, arsa mise a tha a' gabhail àite?

"Oh," ars' esan - fear de na fireannaich a bh' agam - "bha mi a' dol a phàigheadh airson a' phàipeir-naidheachd le not pàipear, agus dhiùlt i an not a ghabhail.

"'S thuirt mise, 'eil fhios agad, tha sin laghail gu leòr.

"Oh, arsa ise, 's dòcha gu bheil far a bheil sibhse a' fuireach ach chan eil an seo. Dh'fheumainnsa, ars' ise, a thoirt dhan bhanca.

"Uell arsa mise, càite eile a bheireadh tu e ach dhan bhanca?

"Air choir sam bith cha ghabhadh i an not, 's bha an duine a' dol a choiseachd air falbh oir cha robh càil aige ach notaichean pàipear, agus thàinig air fear eile de na daoine not a thoirt dha airson 's gum faigheadh e am pàipear-naidheachd.

"Tha mi air cluinntinn mu dheidhinn, iomadach triop, shìos an Sasainn gu bheil iad a' diùltadh airgid Albannaich, agus fiù 's an t-seachdain ud fhèin, nuair a bha na h-Olympics ann, bha sin a' tachairt, ach thàinig poileas a-mach a chantainn riutha gum feumadh iad a ghabhail.

"Cha robh dùil agam a chaoidh gum faicinn e a' tachairt ann an Alba.

"Bha cunngaidhean-lèighis 's rudan mar sin gan reic anns a' bhùth. Nam b'e rud den t-seòrsa sin a bha a dhìth air, agus gun diùltadh i, 's beag tha fhios dè dh'fhaodadh tachairt," thuirt e.

Ged nach fhaicear bileagan £1 gu tric air Tìr Mòr san là a th' ann, tha iad cumanta ann an cuid de sgìrean Eileanach.

Thuirt Dàibhidh Torrance, a tha a' ruith Braemar Pharmacy fhad 's a tha na daoine leis a bheil i air falbh, gun robh na thachair uabhasach agus nach bu chòir dha a bhith air tachart.

Thuirt e nach tachradh an leithid a-rithist agus gun robh e a' toirt rabhaidh dhan luchd-obrach gu lèir, 's gun robh iad duilich airson na thachair.