Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ìre na h-Atmhorachd

Tha Ìre na h-Atmhorachd air a dhol an-àirde, rud ris nach robh dùil. Chaidh an CPI an-àirde bho 2.4%, gu 2.6%, gu math nas motha na targaid an Riaghaltais, 's e sin 2%. Tha an tomhais eile air an Atmhorachd, an RPI, air a dhol suas gu 3.2%.

Faraidhean Rèile

Agus 's ann air an RPI sin a tha àrdachadh air faraidhean rèile airson na h-ath-bhliadhna stèidhichte. Chaidh ainmeachadh gun tèid faraidhean ann an Alba suas mu 4.2% anns a' choitcheannas. Tha sin ìre an RPI agus 1% eile air a chur ris. Ann an Sasainn, bidh an t-àrdachadh nas motha - 6.2% anns an fharsainneachd. 'S e 6.2% a bhios ann cuideachd do thrèanaichean eadar Alba agus Sasainn.

STV

Tha a' chompanaidh STV a' cur a-steach airson na stèiseanan ionadail a th' aig an Riaghaltas anns an amharc ann an Glaschu 's an Dùn Èideann a ruith. Rinn iad tagraidhean ann an co-bhann ri oilthighean Chaledonian Ghlaschu agus Napier. Thàinig an naidheachd gun robh STV às an dèidh mar chlach às an adhair. Innsidh Ofcom nas fhaide den là a bheil tagraidhean eile ann.

Còmhdhail Sgoile

Tha am buaireadh ann an Comhairle nan Eilean Siar mu dheidhinn còmhdhail sgoile a thoirt bho chuid de chloinn air fàs nas teotha. Chaidh puist-dealain eadar an comhairliche Nàiseantach Dòmhnall Manford, agus Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, a dhèanamh poblach. Tha Mgr Manford a' cumail a-mach nach deach beachd phàrantan iarraidh air na h-atharrachaidhean. Ach a rèir Mhgr Chaimbeul, dh'aontaich Mgr Manford riutha o chionn 18 mìosan. Tha Dòmhnall Manford a-nise a' fàgail air Aonghas Caimbeul gur e poileataigs shuarach anns a bheil e an sàs. Ach tha Mgr Caimbeul ag ràdh gur e "poileataigs gabhail a' bhrath" a th' aig Mgr Manford.

Fèill nan Uan

Tha fèill mhòr uan na Luirge ann an Cataibh air tòiseachadh. Thèid faisg air 19,000 uan a reic an-diugh. Tha sin 6,000 a bharrachd air a' bhliadhna an-uiridh. Tha dòchas gum bi prìsean glè mhath, an dèidh mar a chaidh dha na fèilltean mòra ann an Inbhir Pheofharain agus Quoybrae anns na làithean mu dheireadh.

Arc-eòlas

Chaidh pròiseact ùr a stèidheachadh airson làraichean arc-eòlais ann an Alba a dhìon bho chrìonadh a' chladaich. 'S e Oilthigh Chille Rìmhinn a th' air a chùl, 's iomagain gu bheil an t-uabhas àiteachan luachmhor ann an cunnart.

Cuthag

Tha cuthag, a chaidh fhaighinn a' bàsachadh ann an gàradh ann an Surrey, ga toirt a-null dhan Eadailt air plèana. Chaidh an t-eun a thoirt air ais gu slàinte ann an ionad eunlaith, 's tha i a-nise a' dol air a' phlèana a bhreith air na cuthagan eile a tha mar thà air iteig air an t-slighe a dh'Afraga airson a' Gheamhraidh.