Iomairt son amar-snàimh Phort Rìgh

  • 14 An Lùnasdal 2012
Stiùbhart Mac a' Phearsain
Image caption Thuirt Mgr Mac a' Phearsain gum bi e a' campachadh air an làraich co-dhiù chun na Nollaige.

Tha fear a tha a' feuchainn ri seann amar-snàimh Phort Rìgh a chumail na sheasamh air a chur roimhe fhèin campachadh taobh a-muigh an t-seann thogalaich gu co-dhiù Là na Nollaige.

Tha Stiùbhart Mac a' Phearsain air a bhith a' fuireach ann an teanta air an làraich o chionn faisg air dà mhìos.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun tèid tòiseachadh air an togalach a leagail an ath-sheachdain a dh'aindheoin 's gu bheil mu 600 duine air an ainm a chur ri ath-chuinge airson a ghlèidheadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile