Asainnte air a bhith 20 bliadhna ann an làmhan nan daoine

  • 14 An Lùnasdal 2012
Asainnte Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha an oighreachd air a ruith a-nis le comataidh air a taghadh bho am measg chroitearan gach baile.

Tha 20 bliadhna bho thòisich iomairt gus oighreachd Asainnte a cheannach le muinntir na coimhearsnachd.

B'e rud eachdraidheil a bh' ann nuair a shoirbhich leis an iomairt, agus coimhearsnachd air sealbh agus smachd fhaighinn air an fhearann air an robh iad a' tighinn beò, agus e air a' mhargaidh fhosgailte.

Thug e trì oidhirpean mus do shoirbhich le meur Asainnte de dh'Aonadh Chroitearan na h-Alba, 's iad a' pàigheadh £300,000 airson na h-oighreachd.

Bha an t-uachdaran, Mgr Vestey, airson earrann den fhearann aige a reic, gus am faigheadh e air barrachd mòintich a cheannach airson stalcadh.

Rianachd

Chruthaich e oighreachd ùr, Oighreachd Loch an Inbhir a Tuath, anns an robh 21,300 acair agus 13 bailtean croitearachd, agus chuir e sin air a' mhargaidh fhosgailte ann an 1989.

Chaidh a ceannach le companaidh Lochlannach, Scandinavian Property Services, air £1,080,000.

Cha robh fhios aig muinntir an àite gun robh sin gus tachairt, gus an robh e air tachairt.

Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha maoin na h-oighreachd air fad ann an làmhan na coimhearsnachd.

"Bha aig na croitearan, aig an robh cothrom roimhe air bruidhinn ri factair - riochdaire an uachdarain - ann an Loch an Inbhir, a-nis ri bruidhinn ri companaidh manaidsearachd fearainn ann am Breichin," thuirt Iain MacCoinnich, a bha an sàs san iomairt aig an àm.

"Cha robh sinn toilichte le sin, ach cha robh càil a b'urrainn dhuinn a dhèanamh mu dheidhinn," thuirt e.

Ach chaidh a' bhuidheann sin ann an rianachd ann an 1992, agus bha an oighreachd air a' mhargaidh a-rithist.

"Thòisich iomairt sanasachd o chionn beagan is 20 bliadhna, agus thàinig na meadhanan an seo," thuirt Mgr MacCoinnich.

"Chaidh againn air taic fhaighinn bho shluagh na h-Alba, agus chanainnsa Bhreatainn gu lèir. Ach gu sònraichte, àireamh mhòr de dhaoine thall-thairis, de shliochd nan daoine a chaidh fhuadachadh a-mach à Asainte mu 100 bliadhna roimhe.

"Agus mar sin dheth, mu dheireadh, an dèidh trì oidhirpean, shoirbhich leinn, agus ghabh sinn sealbh air an fhearann air 1mh an Gearran 1993.

"Chanainn gu bheil e ceàrr a bhith ag ràdh gur e a' chiad thachartas den leithid, nuair a smaoinichear de rudan a thachair ann an Leòdhas le Urras Steòrnabhaigh, agus gu ìre nas ìsle ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach.

"Ach gun teagamh, a thaobh coimhearsnachd a bhith a' tighinn còmhla gus iomairt a shansachd, agus an t-airgead a thogail airson oighreachd a cheannach air a' mhargaidh fhosgailte - b'e sinne a' chiad fheadhainn.

"Agus tha e na chomhfhurt 's na shàsachadh dhomh gun do dh'atharraich sinn eachdraidh seilbh an fhearainn ann an Alba - ach gu sònraichte air Ghàidhealtachd.

"A thuilleadh air càil eile, thog sinn inbhe chroitearan agus croitearachd.

"Ach sheall sinn gu bheil e comasach fiù 's do choimhearsnachd bhig iomallaich mar a th' againne, na h-uidhir de neo-eisimeileachd a bhith againn.

Dùbhlain Mhòra

"Mar sin dheth, tha smachd againne air maoin na h-oighreachd seo air fad. Tha na minealairean, agus an t-iasgach - a' mhaoin air fad - fo smachd bhòrd Urras Chroitearan Asainnte.

"Tha am bòrd air a thaghadh bho gach baile, 's tha buaidh aig gach baile air co-dhùnaidhean.

"Chanainnsa gu bheil coimhearsnachdan an-diugh mòran nas comasaiche na bha sinne air seo a dhèanamh.

"Tha an t-uabhas cuideachaidh ri fhaighinn nach robh ri fhaighinn againne.

"B'fheudar dhuinn fhèin an t-airgead a thogail. Cha robh mòran an a thaobh taic bho bhuidhnean poblach aig an àm.

"Ach feumaidh tu a bhith an sàs airson na h-ùine fada.

"Seo sinne 20 bliadhna às a dhèidh. Bha feadhainn ann aig an àm nach robh den bheachd gum maireadh sinn 10 bliadhna, gun luaidh air 20.

"Ma tha daoine ag iarraidh seo a dhèanamh, mholainn dhaibh a dhèanamh, ach chuirinn nan cuimhne gu bheil dùbhlain mhòra mu an coinneimh ma nì iad e," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile