Casg air tràillearan an Linne Mhoireibh?

  • 13 An Lùnasdal 2012
Tràlair
Image caption Tha na h-iasgairean beaga ag iarraidh ceann a-staigh na Linne a bhith air a chasg do bhàtaichean mòra.

Tha iasgairean ann an Linne Mhoireibh ceum nas fhaisge air tràlairean mòra a chasg bhon sgìre uile gu lèir.

Tha iad airson iasgach a chumail a-mhàin airson bhàtaichean beaga anns a' cheann a-staigh den Linne.

Tha iad a' cumail a-mach gu bheil tràlairean mòra ag adhbharrachadh thrioblaidean mòra dhaibh.

Chaidh na draghan a thogail le iasgairean à Ceann a' Bhuirgh, faisg air Eilginn, aig coinneimh Dihaoine, far an robh cuideachd riochdairean an làthair bho Iasgairean Èisg-ghil na h-Alba.

Tha na h-iasgairean airson casg a chur air bàtaichean air a bheil acfhainn dùbailte, a tha nas fhaide na 39tr, agus aig a bheil einnsinn nas cumhachdaiche na 300 each, eadar Bucaidh agus Bun Ilidh.

Tha iad ag ràdh gu bheil cothrom aig na bàtaichean mòra a bhith ag iasgach nuair a tha an aimsir ro dhona dha na bàtaichean beaga, a dh'fheumas fuireach sa chala, agus gu bheil sin a' toirt làmh an uachdair do na bàtaichean mòra.

Chaidh aontachadh gun deadh càirt a dhèanamh airson smachdan sam bith a mhìneachadh, a thuilleadh air còd cleachdaidh a chur an sàs.

Tha dùil ri co-dhùnadh deireannach an ceann beagan sheachdainnean, nuair a tha na buidhnean a tha an sàs air bruidhinn ris na buill aca.