Cupa MhicAmhlaidh

13 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thèid Camanachd an Òbain an aghaidh Ghlinn Urchadain Disathairne son Chupa MhicAmhlaidh. Seo taghadh de dhealbhan bho eachdraidh na farpais.
Flora NicAmhlaidh
Chaidh Cupa MhicAmhlaidh a stèidheachadh an 1946 le deasaiche an Oban Times, Flora NicAmhlaidh (faic gu h-àrd). Bha i a' faireachdainn gun robh àite ann son duais eile, nuair a bha Cupa na Camanachd is Cupa an t-Sutharlanaich seachad. B' ann san Òban a bha an fharpais stèidhichte bho thùs. Rinn Bail' Ùr an t-Slèibh a' chùis 4-1 air Baile a' Chaolais sa chiad chuairt dheireannaich an 1947.
Cupa MhicAmhlaidh
Cupa MhicAmhlaidh an 1947. 'S iad Ceann a' Ghiuthsaich an sgioba as soirbheachail ann an eachdraidh na farpais, is iad air Cupa MhicAmhlaidh a bhuannachadh 25 tursan.
Suaicheantas Chomann MhicAmhlaidh
Suaicheantas Chomann MhicAmhlaidh bho 1947. B'e seo a' chiad fharpais shamhraidh ann an iomain, bliadhnaichean mòra mus do ghluais an seusan air fad gu mìosan an t-samhraidh ann an 2004.
Bail' Ùr an t-Slèibh
A' chiad sgioba a bhuannaich an cupa. Seo Bail` Ùr an t-Slèibh an 1947 le Cupa MhicIlleBhrath, Cupa na Camanachd is Cupa MhicAmhlaidh.
Camanachd an Òbain.
A' chiad sgioba bho Chamanachd an Òbain a bhunnaich Cupa MhicAmhlaidh, an 1952. Tha iad air buannachadh 5 tursan uile gu lèir thuige seo. Bhuannaich Gleann Urchadain son a' chiad turas ann an 2012. Taing do stòras Uisdean MhicIllinneinn, Dhòmhnaill MhicAoidh, Jack Richmond agus do Stewart MacChoinnich bhon Oban Times airson nan dealbhan seo.