Stuth bho sheann sgoil MhicNeacail ga thoirt gu Romàinia

  • 10 An Lùnasdal 2012
Sgoil ùr MhicNeacail Image copyright Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Thogadh togalach ùr do dh'Àrd-Sgoil MhicNeacail o chionn ghoirid.

Tha seann àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh ga falamhachadh, mus tòisichear ga leagail an t-seachdain seo tighinn.

Thèid cuid den stuth a th' innte dhan sgoil ùir, ach bidh pàirt den àrnais a' dol cho fada ri Romàinia.

Chaidh togalach ùr a thogail airson na sgoile, agus dh'fhosgail e o chionn ghoirid.

"Tha sinn a' toirt a-mach innealan airson teas - radiators - agus dorsan," thuirt Lachaidh MacLeòid, a tha ag obair don bhuidhinn charthannais Rudeigin do Romàinia.

An Asgaidh

"Tha sin a dhìth oirnn thall an Romàinia. Tha cuid de na rudan a tha a dhìth orra gu math daor thall ann an Romàinia, agus ann an seo tha iad gu math nas saoire.

"Tha sinn a' faighinn tòrr stuth an seo, agus stuth math.

"Tha e na mhisneachd dhomhsa gu bheil e ann an staid math. Bha mi a' smaoineachadh far am biodh clann is daoine òga gum biodh gu leòr de na rudan air am milleadh, ach chan eil.

"Tha mise a-nise an luib paliative care. Tha sinn a' toirt taic dha buidhinn charthanais Chrìosdail ann an Romàinia, agus tha taigh-cùraim acasan, agus taigh-bhanaltram aca.Bha sinn a' faighinn mòran tàire a' toirt stuth a-null, ach tha e gu math nas fhasa

"An taigh-cùraim, tha iad a-nise a' cur leudachadh ris, agus thug iad dhomh fios air stuth a tha a dhìth orra, agus 's e sin a tha sinn a' cruinneachadh.

"Nì e feum airson an obair paliative care a chumail a' dol.

"Tha Romàinia a-nise anns an Aonadh Eòrpach, agus tha e gu math nas fhasa na bha e nuair a thòisich mise an toiseach o chionn 20 bliadhna.

"Bha sinn a' faighinn mòran tàire a' toirt stuth a-null, ach tha e gu math nas fhasa.

"Tha e a' toirt misneachd mhòir dhomhda gu bheil daoine ann an seo cho deònach ar cuideachadh.

"Fhuair mi càr an asgaidh bho dhaoine anns a' phort-adhair, tha Hebrides Haulage a' toirt an stuth sìos a Ghlaschu dhomh an asgaidh. 'S e cuideachadh mòr a tha sin," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile