Dragh mu chòmhdhail chloinne sna h-Eileanan Siar

  • 10 An Lùnasdal 2012
Soidhne-rabhaidh
Image caption Bha Mgr Manford roimhe na Chathraiche Còmhdhail aig a' Chomhairle.

Feumaidh Comhairle nan Eilean Siar stad a chur air poileasaidh ùr, mus tig e a-mach, a bhios a' ciallachadh gum bi feum aig barrachd chloinn-sgoile coiseachd dhan sgoil air rathaidean nach eil sàbhailte.

Sin a rèir buidheann SNP na Comhairle, a tha a' togail dragh gu bheil an t-astar a dh'fheumas a bhith eadar dachaigh is sgoil airson cothrom a bhith aig pàiste air còmhdhail an asgaidh a' fàs nas fhaide.

Tha an Comh. Dòmhnall Manford ag ràdh nach eil rathaidean nan Eilean Siar freagarach airson clann òg a bhith a' coiseachd air ais is air adhart bhon sgoil.

"Tha mi ag iarraidh air a' Chomhairle gun seo a chur an sàs gus am bi fhios aig na pàrantan, gus an tuig na pàrantan dè tha a' dol a thachairt, agus bidh an cothrom aca rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn," thuirt Mgr Manford.

"Anns an fharsainneachd - agus feumar fuireach gus am faic sinn an cluinnear dè bhios aig pàrantan ri ràdh mu thimcheall air seo - ach tha gu leòr de rathaidean nam bheachdsa nach biodh e glic iarraidh air chloinn coiseachd air, agus nach bu chòir toirt orra coiseachd chun nan sgoiltean gus am biodh sàbhailteachd air a dhèanamh air slighean-coiseachd.

"Bhithinn an dùil cluinntinn san aithghearrachd, "tha seo a' dol a thighinn a-steach."

"Ma tha thu a' dol ga chur an sàs gu math luath tha e riatanach gum bi fios aig na pàrantan agus gun dèilig a' Chomhairle ri sin mus tèid a chur an sàs," thuirt e.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gu bheil e na ioghnadh dha gun robh an Comh. Manford agus an SNP a' togail seo an-dràsta, leis gun robh Mgr Manford na chathraiche air Comataidh na Còmhdail aig an àm a chaidh seo aontachadh mar phàirt de bhuidseatan, agus nach do thog esan no buidheann an SNP draghan nuair a chaidh a chur troimhe.