Coinneamh mu sheirbheisean Loganair

  • 10 An Lùnasdal 2012
Itealan air a ruith le Loganair Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha luchd-siubhail air a bhith a' gearain gur tric nach fhàg itealan a rèir a' chlàr-ama.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar coinneamh leis a' chompanaidh-adhair Loganair an dèidh ghearainnean nochdadh mun t-seirbheis adhair eadar tìr mor na h-Alba agus na h-Eileanan an Iar.

Tha luchd-siubhail air a bhith ag innse mu iomadach turas far an deach itealan air dheireadh air an uair, no gu math tric, a chur dheth buileach.

Tha iad a ràdh gu bheil a' chompanaidh Loganair gu tric a' coireachadh adhbharan teicnigeach 's gu bheil luchd-suibhail a' call an cuid cheangalaichean air feadh an t-saoghail.

Tha a' Chomhairle air coinneamh iarraidh airson soilleireachadh fhaighinn air na h-adhbharan air cùlaibh nan trioblaidean.

Cha d'fhuair am BBC freagairt fhathast bho Loganair air ceistean a chuireadh thuca mu phlèanaichean a bhith air an cur dheth no a bhith air dheireadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile