"Drochaid no cabhsair" thar an t-Sròim

  • 9 An Lùnasdal 2012
Làrach na maoime-slèibhe Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Chaidh an rathad a dhùnadh goirid ron Nollaig ri linn maoime-slèibhe.

'S e drochaid no cabhsair a bu chòir a bhith air a chur an sàs thairis air Caolas an t-Sròim mar fhreagairt air an duilgheadas le seach-rathaid an t-Sròim.

Sin beachd Iain Fhearchair Rothaich a bha bliadhnaichean a' riochdachadh na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Tha esan ag ràdh nan deadh innealan cumhachd ath-nuadhachail a chur na chois, gun gabhadh cuid den airgead a chaidh a chosg air fhaighinn air ais.

"Nam bheachdsa, tha mi fhèin a' dèanamh dheth gur e an rud as fhasa dhaibh a dhèanamh, 's e cabhsair a chur thairis far an robh an t-aiseag a' ruith ann an sin," thuirt Mgr Rothach.

Tuilleadh is Fada

"Chan eil e ach mu leth-mhìle thairis air an aiseag, agus le sin tha cothrom aca cabhsair a thogail agus can an-dràsta innealan airson dealain a dhèanamh a chur anns a' chabhsair a tha sin agus bheireadh e mòran airgid air ais.

"Tha sruth gu math làidir ann an sin airson sin a dhèanamh.

"Tha cosgais ann an sin, chan eil teagamh. Ach tha feum air rathad ùr. 'S i sin a' cheist.

"Tha an rathad a th' againn eadar Port an t-Sròim agus Srath Carrann gu math cugallach. Chan eil e sàbhailte. Tha iad a' cantainn gun dèan iad sàbhailte e, ach tha iad air a bhith ag obair air airson 40 bliadhna 's chan eil e sàbhailte fhathast," thuirt e.

Aig an aon àm tha am Ball Làbarach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba, Rhoda Ghrannd, a chaidh a thogail san sgìre, ag ràdh gum feumar beachdachadh air a h-uile roghainn, 's nach bu chòir gun toir e fada na roghainnean sin a rannsachadh.

"Chan eil mi a' moladh gum meòirich sinn air seo gu bràth," thuirt i.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil seo air a bhith a' leantainn tuilleadh is fada.

"Nuair a bha mise a' dol don sgoil anns a' Phloc, chaidh maill a chur oirnn le maoimtean-slèibhe air an rathad sin - agus cha b' ann an-dè a bha sin.

"Feumaidh sinn a ghearradh sìos gu 's dòcha trì roghainnean, iad sin a mheas gu ceart, agus an cur mu choinneimh an t-sluaigh ionadail.

"Agus a dhèanamh gu sgiobalta, oir tha mi cinnteach gun deach gu leòr den obair seo a dhèanamh cheana.

"Tha an t-airgead gun teagamh na chùis amharais. Ach chan e dìreach rathad ionadail a tha seo. 'S e rathad a th' ann a bheir trafaig tron Eilean Sgitheanach gu ruige nan Eilean Siar, 's air ais 's air adhart.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn coimhead ris an Riaghaltas Albannach airson pàirt den rathad a mhaoineachadh," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile