Eaglais Shaor air cuireadh fhaighinn

  • 9 An Lùnasdal 2012
An t-Urr. Ìomhair Màrtainn
Image caption "Bhiodh e ceart a bhith a' cluinntinn an dà thaobh - gu h-àraidh ann an cuspair cho cudromach agus cho bunaiteach ri seo - a bheil Dia ann no nach eil". An t-Urr. Ìomhar Màrtainn

Fhuair an Eaglais Shaor cuireadh a bhith an sàs ann am fèis leabhraichean Faclan ann an Steòrnabhagh san t-Samhain.

Thàinig seo às dèidh dhaibh cothrom-deasbaid iarraidh le prìomh òraidiche na fèise, ùghdar an God Delusion, an t-Oll. Riseard Dawkins.

Chan e deasbad a bhios ann idir ge-tà, ach bidh an t-Urr. Daibhidh Robasdan, a sgrìobh leabhar mu bheachdan Mhgr Dawkins, e fhèin air an àrd-ùrlar a-nis.

Cuireadh

Thuirt an t-Urr. Ìomhar Màrtainn bho Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, a bh' air an deasbad iarraidh, gu bheil e gu math toilichte gu bheil Mgr Robasdan a-nis gu bhith a' nochdadh aig an fhèis.

"Mura h-eil deasbad gu bhith ann, uill tha mi toilichte gu bheil Dàibhidh Robasdan gu bhith a' faighinn cothrom airson a bhith a' cuir a-mach an argamaid airson Dia - gu bheil e ann", thuirt e.

Rinn Comann Dìon an t-Sàbaid càineadh roimhe air mar a fhuair an t-Oll. Dawkins cuireadh chun na fèise is ceann-suidhe na buidhne, Iain Roberts, ag ràdh nach tèid e faisg air an tachartas.

Thuirt Mgr Màrtainn nach robh e idir a' comhairleachadh do dhaoine am bu chòir dhaibh a dhol ann neo nach bu chòir.

"Tha mise dhen bheachd gu bheil cothrom an seo airson a bhith ag èisteachd ri na h-argamaidean reusanta gu bheil Dia ann - agus gu bheil cothrom againn èisteachd ri na h-argamaidean an aghaidh Dhè. "

"A bhith a' dèanamh an àirde an inntinn dè am beachd a th' aca bho bhith ag èisteachd ris an dà argamaid".

Bidh an fhèis, a bhios stèidhichte ann an ionad ealain an Lanntair ann an Steòrnabhagh, a' gabhail àite eadar an 30mh là dhen Damhair agus an 3mh là dhen t-Samhainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile