Sgoil ùr an Tairbeirt deiseil

  • 8 An Lùnasdal 2012
Sgoil Sir E. Scott
Image caption Tha sgoil ùr an Tairbeirt air tè de shia sgoiltean ùra anns na h-Eileanan Siar.

Chaidh crìoch a chur air sgoil ùr an Tairbeirt - an t-siathamh sgoil, agus an tè mu dheireadh, a chaidh a thogail tro Phròiseact nan Sgoiltean Ùra.

Bidh an sgoil a' fosgladh a dorsan aig toiseach na h-ath-bhliadhna-sgoile air an 16mh là den Lùnastal.

Chaidh togalaichean na seann sgoile, a thogadh anns an 70an, a leagail, a thuilleadh air an t-seann òstail.

Bidh a' bhun-sgoil agus an sgoil-àraich a-nis an cois na h-àrd-sgoile.

Tha leabharlann coimhearsnachd cuideachd air a stèidheachadh air làrach na sgoile.

Thuirt Cathraiche Phroìseact nan Sgoiltean Ùra, an Comh. Tormod Dòmhnallach, gur i sgoil ùr na Hearadh an tè a bu dhùbhlanaiche den t-sia a bha an lùib a' phròiseict.

Chaidh na sgoiltean air fad, air an do thòisich obair san Iuchar ann an 2010, a chrìochnachadh a rèir clàr-ama a' phròiseict agus taobh a-staigh a bhuidseit.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile