"Cus bhruidhinn" mun A83

  • 7 An Lùnasdal 2012
A83 Image copyright Transerv
Image caption Chaidh an rathad a dhùnadh a-rithist an t-seachdain seo chaidh.

Chaidh càineadh a dhèanamh air Riaghaltas na h-Alba mu shuidheachadh rathad an A83 aig an Rest and Be Thankful.

Thuirt BP Earra-Ghàidheal is Bhòid aig Westminster, an Lib-Deamach Ailean Reid, gu bheil an t-àm ann sguir de bhruidhinn mun trioblaid agus rudeigin a dhèanamh mu dhèidhinn.

Dhùin an rathad a-rithist an t-seachdain seo chaidh nuair a thàinig còrr is mìle tunna de thalamh a-nuas air, an còigeamh turas ann an còig bliadhna a tha an rathad air a bhith dùinte aig an Rest and Be Thankful.

Dh'fhosgail an rathad a-rithist Disathairne ach le barrachd uisge air a bhith ann tha ceist ann an tig maoim-slèibhe eile.

Stèidhich Riaghaltas na h-Alba buidheann-ghnìomha gus eaconamaidh Earra-Ghàidheal a chuideachadh, fhad 's a tha planaichean a' leantainn gus slighe-èiginn ùr a chruthachadh faisg air an Rest.

Rabhadh

"Le rabhadh ann mu mhaoim-slèibhe eile feumaidh an Riaghaltas a-nise putadh air adhart le slighe eile sa bhad - seach an tuilleadh bhruidhinn mun cuairt air a' ghnothach," thuirt Mgr Reid.

"Fhuair sinn gealltanas sa Mhàrt gun rachadh slighe-èiginn a stèidheachadh air rathad na coille."

"A-nise tha an Riaghaltas air an inntinn atharrachadh is tha iad a' beachdachadh air an t-seann rathad tron ghleann a leasachadh."

"Tha seo air a bhith a' dol air adhart tuilleadh 's a chòrr fada - feumaidh slighe-èiginn a thogail sa bhad," thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air £1.5m a thoirt seachad son slighe-èiginn a thogail.

Tha ministearan an-dùil gun tòisich obair an ceann beagan sheachdainean agus gum bi an rathad deiseil san t-Samhain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo