Coille Bhaile Eòghainn leis na daoine

  • 6 An Lùnasdal 2012
Coille Bhaile Eòghainn Image copyright CC Coille Bhaile Eòghainn
Image caption Thathas an dòchas a' choille a chur gu feum son maith na coimhearsnachd.

Chaidh Coille Bhaile Eòghainn a cheannach leis a' choimhearsnachd agus muinntir na sgìre air an airgead air fad a bha a dhìth orra a chruinneachadh.

B'ann bho chionn sia bliadhna a chaidh Oighreachd Taigh an Fhuamhaire dhan choimhearsnachd a dh'fhaighneachd an robh iad airson a' choille, anns a bheil 65 heactairean, a cheannach.

Cha mhòr nach do stad iomairt na coimhearsnachd gu tur bho chionn trì bliadhna nuair nach do shoirbhidh leotha le iarrtasan son taic-airgid.

Mu dheireadh thall tha a' choille aca, is taic luach £321,000 air tighinn bho Mhaoin a' Chrannchuir, agus £67,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Thàinig suimean nas lugha bho ghrunn bhuidhnean eile.

"Tha sinn mu dheireadh thall air a' choille a cheannach bhon oighreachd", thuirt cathraiche Companaidh Coimhearsnachd Coille Bhaile Eòghainn, Adrian Clark.

"Mura b'e sin bhiodh a' choille air a dhol air a' mhargaidh fhosgailte, is dh'fhaodadh gnothaichean a bhith air atharrachadh gu tur an seo", thuirt e.

Plana-gnìomh

Tha plana-gnìomh còig bliadhna aig Companaidh Coimhearsnachd Coille Bhaile Eòghainn is tha iad air co-òrdanaiche a thaghadh gus a' phròiseict a ghluasad air adhart.

Thèid slighean-coiseachd ùra is buird-fiosrachaidh a stèidheachadh sa choille, am measg rudan eile, ann an oidhirp barrachd dhaoine a thàladh dhan àite.

"S ann leinne a tha a' choille sa choimhearsnachd, agus 's e sin an dòigh as fheàrr air a' choille a thoirt air adhart, a leasachadh is a cumail is a coimhead as a dèidh, agus luach a ghabhail às a' ghoireas a th'innte ", thuirt an t-Urramach Donaidh MacSuain, a tha fuireach sa bhaile.

"Nam biodh a' choille air a toirt air falbh bha sinn a' call ann an iomadh dòigh dara leth brìgh na coimhearsnachd", thuirt e.

Chruinnich muinntir na sgìre Diluain son cuairt tron choille airson comharrachadh gu bheil i a-nise ann an làmhan na coimhearsnachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile