Inntinn dà-chànanach nas sùbailte

Nighean a' smaoineachadh Image copyright Science Photo Library
Image caption Rinn a' chlann dà-chananach na b'fheàrr na a' chlann aig nach robh ach Beurla no Eadailtis.

Bidh clann dà-chànanach a' dèanamh nas fheàrr na clann aig nach eil ach aon chànan, a rèir rannsachaidh ùir a rinn Oilthigh Shrath Chluaidh.

Rinneadh coimeas eadar clann bun-sgoile dà-chànanach agus clann aon-chànanach ann an Alba agus ann an Sardinia anns an Eadailt.

Bha dàrna leth na cloinne a ghabh pàirt anns an rannsachadh anns gach àite dà-chànanach, agus an dàrna leth eile nach bruidhneadh ach Beurla no Eadailtis.

Sheall an rannsachadh gun robh a' chlann dà-chànanach na bu shoirbheachaile ann an gnìomhan a chaidh a thoirt dhaibh ri dhèanamh.

Sreath Dhùbhlan

Bha a' chlann a bhruidhinneadh Gàidhlig cuideachd na bu shoirbheachaile sa bhitheantas na bha a' chlann a bhruidhneadh Sardinianais.

Chan eil Sardinianais air a teagasg gu farsainn ann an sgoiltean an eilein, agus 's ann tro bheul-aithris as motha a tha i ga cumail beò - rud a tha a' fàgail nach deach gabhail ri dreach coitcheann den chànan.

Thathas a' ceangail nan torraidhean ri cho sùbailte 's a dh'fheumas an t-inntinn a bhith airson a dhol eadar dà chànan. Thathas cuideachd den bheachd gun robh structar foirmeil foghlaim na bhuannachd do chloinn na Gàidhlig.

Ghabh 121 duine-cloinne a bha mu 9 bliadhna de dh'aois ann an Alba agus Sardinia pàirt anns an rannsachadh, le 62 dhiubh dà-chànanach.

Chaidh iarraidh orra diofar phàtrannan de bhlocaichean dathte ath-chruthachadh, sreathan àireamhan ath-aithris bho chuimhne, mìneachadh soilleir a thoirt air facail, agus sreath de thrioblaidean matamatach fhuasgladh.

'S ann sa Bheurla no san Eadailtis a bha na dùbhlain sin uile.

B'e an Dtr Fraser Lauchlann, a tha na Òraidiche Urramach aig Sgoil nan Saidheansan Saiceòlach agus na Slàinte aig Oilthigh Shrath Chluaidh, a bha air ceann an rannsachaidh.

Chaidh an sgrùdadh a dhèanamh ann an co-bhann le Oilthigh Cagliari ann an Sardinia.

"Thathas a' faicinn dà-chànanais a-niste mar rud a tha na bhuannachd do chloinn," thuirt an Dr Lauchlann.

"Tha beachd ann fhathast ge-tà am measg cuid gu bheil e na adhbhar troimhe-chèile dhaibh, agus mar sin dheth gur dòcha gun cum e air ais iad.

"Tha an sgrùdadh againne air faighinn gu bheil buannachdan soilleir aig dà-chànanas, chan ann a-mhàin a thaobh cànain, ach a thaobh matamataig, fuasgladh thrioblaidean agus smaoineachadh cruthachail.

Saibhreas Cainnte

"Mheas sinn cuideachd briathrachas na cloinne, chan ann gu sònraichte a thaobh na bh' aca de dh'fhacail, ach a thaobh na tuigse a bh' aca orra.

"A-rithist, bha diofar follaiseach anns na bha de mhìneachadh agus saibhreas cainnte aig a' chloinn dà-chànanaich.

"Fhuair sinn cuideachd gun robh comas acasan an aire a chumail air fiosrachadh a bha cudromach, 's fiosrachadh nach robh cudromach fhàgail an dàrna taobh.

"Dh'fhaodadh gur ann air sgàth a bhith a' smaoineachadh ann an dà chànan a tha sin," thuirt e.

Chaidh an rannsachadh fhoillseachadh ann an Iris Eadar-nàiseanta an Dà-chànanais.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile