Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

RBS

Thuirt Àrd-oifigear Bhanca Rìoghail na h-Alba, Stephen Hester, gu bheil am banca nas làidire agus nas tèarainnte a dh'aindeoin call £1.5bn air a' chiad shia mìosan den bhliadhna. Chosg a' bhutatais a bh' ann nuair a thuit siostam coimpiutair a' bhanca às a chèile san Ògmhios £125m do RBS. Tha dùil cuideachd ri càin mhòr air a' bhanca airson an sgainneil mun riadh. Thuirt Stephen Hester gun robh làn-dùil aca ri call aig àm nuair a tha iad a' sgioblachadh obair a' bhanca.

Siria

Tha iomairt as ùr a' tòiseachadh aig na Dùthchannan Aonaichte airson suidheachadh Siria a chumail air aire na coimhearsnachd eadar-nàiseanta, dìreach là an dèidh do Kofi Annan a dhreuchd mar Thosgaire Eadar-nàiseanta do Shiria fhàgail. Bidh Àrd-sheanadh an UN a' bhòtadh an-diugh air moladh a tha a' càineadh Comhairle Thèarainnteachd an UN airson gu bheil e a' faileachadh air a' bhuidhinn sin stad a chur air an fhòirneart le dioplòmasaidh.

Torraidhean Deuchainn

Thuirt Ùghdarras Teisteanas na h-Alba (SQA) gu bheil iad a' rannsachadh mar a chaidh aig cuid de chloinn sgoile air co-dhùnadh nan deuchainneanan aca fhaighinn làithean nas tràithe na bu chòir. Cha bu chòir fios a bhith aca gu h-oifigeil gu Dimàirt seo tighinn. Chaidh am fiosrachadh a-mach an t-seachdain seo mar a bu chòir gu sgoiltean, colaistean agus oilthighean. Ach fhuair deugachadh sgoilear le tairgse air àite aig Oilthigh Chille Rìmhinn, fios air mar a chaidh dhaibh sna deuchainnean le bhith a' tadhail air làraich eadar-lìn an oilthigh.

Bun-sgoil Dhalabroig

Chaidh crìoch a chur air togalach ùr Bhun-Sgoil Dhalabroig an Uibhist a Deas. Fosglaidh a sgoil ùr mar a bha dùil air an 16mh là den mhìos seo, aig toiseach bliadhna ùire na sgoile. 'S i Sgoil Dhalabroig a' chòigeamh sgoil ùr anns na sia a tha deiseil 's a chaidh a thogail mar phàirt de Phròiseact nan Sgoiltean Ùra aig Comhairle nan Eilean Siar.

Dachaigh-Chùraim an t-Òib

Tha planaichean ann airson leudachadh air Dachaigh-Chùraim an t-Òib anns na Hearadh. Bheireadh tuilleadh rùm cothrom dhaibh air cùram eadar-amail a thoirt seachad do dh'euslaintich - seirbheis a bha iad a' toirt seachad gus an do sguir an taic-airgid air a shon. Tha luchd-obrach na dachaigh agus riochdairean na coimhearsnachd ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum aig an sgìre air goireas den t-seòrsa.