CalMac gan dìon fhèin mu bhàt-aiseig Ìle

  • 3 An Lùnasdal 2012
MV Finlaggan
Image caption Tha CalMac an dùil an soitheach a chur eadar Ùige, Loch nam madadh agus an Tairbeart.

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air dìon a chur orra fhèin an dèidh mar a dh'èirich buaireadh mu an co-dhùnadh bàt-aiseig Ìle, an MV Finlaggan, a thoirt air falbh bhon eilean thairis air a' Gheamhradh.

Bha CalMac air a chur romhpa gum biodh i a' frithealadh sheirbheisean eadar Ùige an Eilein Sgitheanaich, Uibhist a Tuath agus na Hearadh.

Tha dragh ann an Ìle nach bi rùm gu leòr air na bàtaichean-aiseig airson luchd-turais, agus barrachd is barrachd dhiubh a' tadhail air an eilean.

Tha Cal Mac ag ràdh gum bi fhathast dà bhàt-aiseig a' frithealladh Ìle eadar an Dùbhlachd agus àm na Càisge nuair a bhios am bàta eile air falbh.

Agus tha iad ag ràdh nach do gheall iad riamh agus nach b' urrainn dhaimh gealltainn gum biodh soitheach àraid a' fuireach air aon shlighe gun atharrachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile