Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte agus an Riaghaltas ann an Siria gu bheil trì millean duine san dùthaich feumach air cobhair eadar biadh agus taic le àiteachas, agus iad ag ràdh gum bi millean gu leth duine ann am fìor èiginn eadar seo agus deireadh na bliadhna anns na sgìrean as miosa a dh'fhulaing anns an t-sabaid mur a faigh iad cuideachadh.

Putin

Bidh am Prìomhaire Dàibhidh Camshron a' deasbad suidheachadh Siria an-diugh ri Ceann-suidhe na Ruis, Vladimir Putin, a th' ann am Breatainn airson a' chiad turais ann an seachd bliadhna, agus e a' tadhail air na Geamaichean Oilimpigeach. Tha an Ruis a' diùltadh cuideam a chur air Riaghaltas a' Chinn-suidhe Assad ann an Siria, agus tha sin a' cur srèana air a' chàirdeas eadar Breatainn agus an Ruis.

Staing Ionmhais na h-Eòrpa

Tha comhairle riaghlaidh Bhanca na h-Eòrpa a' coinneachadh ann am Frankfurt an-diugh a dheasbad èiginn an ionmhais san Spàinn 's an Eadailt. Tha an Ceann-suidhe Obama ag ràdh gum feum dèiligeadh ris an t-suidheachadh an-dràsta. Ach tha a' Ghearmailt ag ràdh gum biodh e na b'fheàrr dhan Bhanca Eòrpach feuchainn ri smachd a chur air an Atmhorachd.

Àireamh Sluaigh na h-Alba

Tha àireamh an t-sluaigh an Alba aig an ìre as àirde riamh a rèir Àrd-Neach-Clàraidh na dùthcha. Bha 5,254,000 duine a' fuireach ann an Alba ann am meadhan na bliadhna an-uiridh. Ged nach eil uidhir de chloinn a' tighinn a-steach dhan t-saoghal, tha àireamh bàs air tuiteam mu choinneimh sin, agus tha in-imrich a' cur gu mòr ri àireamh an t-sluaigh.

Slighean Aiseig

Tha an t-aonadh RMT ag ràdh gum faodadh luchd-obrach nam bàtaichean-aiseig a dhol air stailc ma thèid tuilleadh de sheirbheisean aiseig na h-Alba a thoirt do chompanaidhean prìobhaideach. Tha e coltach gu bheil an Riaghaltas a' beachdachadh air slighean leithid Arainn agus an t-Òban gu ruige Muile a chur a-mach gu tairgse. Tha ministearan an Riaghaltais ag ràdh gur ann aison luach an airgid fhaighinn a tha iad a' dèanamh sin ma thachras e idir.

Geòidh Ghlasa

Tha tuathanaich ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba sùil as ùr a thoirt air na riaghailtean glèidhteachais a tha a' cur dìon air na geòidh ann an Alba. Bidh ceannardan Aonadh nan Tuathanach a' bruidhinn ri Ministear na h-Àrainneachd Stiubhart Stevenson aig Fèill Àiteachais an Eilein Duibh an-diugh, agus dragh orra gu bheil na h-èoin a' dèanamh sgrios air talamh àiteach ann am mòran sgìrean.

Rest and Be Thankful

Tha luchd-obrach a' feuchainn ri rathad an A83 ann an Earra-Ghàidheal fhosgladh a-rithist agus e dùinte an dèidh maoime-slèibhe aig an Rest and Be Thankful. Chan eil slighe timcheall air ach siubhail 50 mìle. Seo an còigeamh turas ann an còig bliadhna a tha an rathad seo air a bhith dùinte le maoim-slèibhe, agus tha a' bhuidheann iomairt Argyll First ag ràdh gu bheil làn-àm aig Riaghaltas na h-Alba rudeigin a dhèanamh mu dheidinn.