Cupa na Camanachd

  • 2 An Lùnasdal 2012
Cupa na Camanachd Image copyright SNS
Image caption Bidh na sgiobaidhean a' farpais airson phrìomh dhuais na h-iomain, Cupa na Camanachd.

Chan eil teagamh ann mun gheama as motha san iomain Disathairne agus Ceann Loch Seile is Inbhir Aora gus coinneachadh aig an Àird son àite sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Cha d'ràinig Ceann Loch Seile an ìre seo den fharpais a-riamh ron a seo is thuirt am manaidsear, Johnston Gill, gur e seo "an geama as motha ann an eachdraidh ar cluba".

Ma dh'fhaoidte nach eil eòlas aca air a bhith aig an ìre seo ach chan eil sin idir ag ràdh gum bi dad de dh'eagal orra a' dol a-steach dhan gheama.

Tha Ceann Loch Seile air soirbheachadh gu mòr air an t-seusan seo, a' chiad bhliadhna aca sa Phrìomh Lìog.

Thar nam mìosan a chaidh seachad tha iad air Bail' Ùr an t-Slèibh a chur a-mach à Cupa MhicAmhlaidh, Ceann a' Ghiuthsaich a chur a-mach à Cupa na Camanachd fhèin (aig an Dell), agus air nàdar de dhroineadh a thoirt air Caol Bhòid san Lìog.

'S ann an ìre mhath òg a tha a' mhòr-chuid de na cluicheadaran aca agus tha coltas air Ceann Loch Seile gum bi iad comasach fuireach aig an ìre as àirde den gheama son grunn bhliadhnaichean, le cothrom air na duaisean mòra.

Dùbhlan

'S e an dùbhlan as motha a bhios mun coinneimh Disathairne 's dòcha, gum bi am fear-glèidh aca Graham Ceannadach a dhìth.

Chaidh casg air a' Cheannadach air sgàth càirte deirge an aghaidh Ghlinn Urchadain is bidh ionndrainn air na comasan agus an t-eòlas a th' aige.

Le na braithrean MacRath, Fionnlagh is Cè, ann an sunnd bho chionn ghoirid ge-tà, bidh Ceann Loch Seile dòchasach gun tig na tadhail.

Tha suidheachadh Inbhir Aora car eadar-dhealaichte agus a' mhòr-chuid de na balaich acasan air a bhith san sgioba a-nise son grunn math bhliadhnaichean.

Gu dearbh thuirt am manaidsear acasan, Iain Smylie, gu bheil feadhainn san sgioba aige a' faireachdainn gur dòcha nach tig cothrom eile thuca son a dhol dhan chuairt dheireannaich, rud a bhios gam brosnachadh Disathairne.

Bhuannaich Inbhir Aora Cupa na Camanachd ann an 2004 - là sònraichte dhan sgìre aca air fad agus an cluba gun phrìomh duais na spòrs bho 1930.

Chanadh cuid gun robh còir aca a bhith air an cupa a ghlèidheadh a-rithist bhon uair sin.

Cunnartach

Tha an sgioba a' dol gu làidir am bliadhna ge-tà agus na cluicheadaran aghaidh aca gu sònraichte cunnartach, le Garry Mac a' Phearsainn, Crìsdean Crawford, Eoghan MacMhurchaidh is Russell MacFhionnlaigh air grunnan thadhal a chur.

Bidh Ceann Loch Seile mothachail air a sin - oir chaill iadsan 7-1 air bruaichean Loch Fìne san lìog nas tràithe air a' bhliadhna.

Chan eil duine an dùil gur ann mar sin a bhios an gnothach Disathairne, ach bidh Ceann Loch Seile gu mòr ag amas air am ball a chumail air falbh bho loidhne aghaidh Inbhir Aora ma tha cothrom gu bhith aca a dhol dhan chuairt dheireannaich.

Tha coltas tarraingeach dha-rìribh air a' gheama seo agus glè dhoirbh tomhas a dhèanamh air cò thèid troimhe dhan chuairt-dheireannaich, an aghaidh Chaol Bhòid no Bail' Ùr an t-Slèibh.

Thèid an geama a chraoladh bèo air BBC Alba bho 16:00f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile