Fearg mu bhàt-aiseig Ìle

  • 2 An Lùnasdal 2012
MV Finlaggan
Image caption Chaidh an soitheach ùr a chur air an t-slighe o chionn bliadhna.

Tha fearg air mòran ann an Ìle agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh gun toir iad am bàt-aiseig, Finlaggan, air falbh bhon t-slighe tron Gheamhradh.

Cuiridh iad soitheach eile na h-àite.

Tha dragh ann gun toir seo droch bhuaidh air gnìomhachas uisge-bheatha an eilein.

"Chuala sin gu bheil CalMac ag iarraidh am Finlaggan a bhith far na slighe gu Ìle airson còig mìosan anns a' Gheamhradh seo tighinn," thuirt fear de Chomhairlichean Ìle, Robin Currie.

Taighean-staile

"Chan eil mòran toilichte timcheall air sin. Chan eil ann ach bliadhna bho fhuair sinn am bàta ùr, am Finlaggan.

"Agus a-nis air falbh airson còig mìosan, chan eil e math airson an eilein.

"A thaobh 's gu bheil uiread a' tighinn chun an eilein leis an uisge-bheatha, agus sin a' dol nas àirde a h-uile bliadhna, bu chòir am Finlagann a bhith a' fantail ann an Ìle.

"Dh'fhaoidte gum biodh i air falbh cupla mhìosan, ach còig mìosan, chan eil sinn toilichte le sin.

"Leis an luchd-turais airson an uisge-bheatha agus nan taighean-staile a' dol nas àirde gach bliadhna, feumaidh sinn bàta a mheanndas an trafaig a ghabhail air fad.

"An ath-sheachdain bidh cuideigin a' tighinn a-nall a dh'Ìle a chainnt rinn 's a dh'innse dhuinn ceart dè tha iad ag iarraidh a dhèanamh airson a' Gheamhraidh seo tighinn.

"Bidh fios againn an dèidh na coinneimh sin dè tha a' tachairt," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile