Tuilleadh cuideim mu gheòidh ghlasa

  • 2 An Lùnasdal 2012
Geòidh ghlasa
Image caption Tha gearainnean air a bhith ann o chionn fhada mun chron a tha na geòidh a' dèanamh.

Thèid tuilleadh cuideim a chur air Riaghaltas na h-Alba gus ath-sgrùdadh a' dheànamh air an dòigh a tha iad a' dèiligeadh ri geòidh.

Tha Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach a' toirt rabhaidh seachad gu bheil na mìltean de gheòidh a' deànamh milleadh air talamh àiteach na dùthcha.

Thar nam bliadhnaichean tha tuathanaich na h-Alba air pàirt mhòr a chluich ann a bhith a' dèiligeadh ris an àireimh mhòir a th' ann de gheòidh ghlasa.

Ach, tha iad a-nis a cur ìmpidh air luchd-poileataigs barrachd a' dheànamh mun trioblaid 's iad ag ràdh nach eil na sgeamaichean glèidhteachais ag obrachdainn.

Thuirt iad gum feum an Riaghaltas dòigh a lorg son àireamh nan geadh ìsleachadh 's iad a' dèanamh cron mhòir air an talamh

Cuiridh Aonadh Nàiseanta nan Tuathannach na h-uallaichean aca mu choinneimh Mhinisteir na h-Àrainneachd, Stiùbhart Stevenson, agus e iad aig Fèill Àiteachais an Eilein Duibh Diardaoin.