Itealain "ro fhaisg air a chèile" os cionn na Gàidhealtachd

  • 1 An Lùnasdal 2012
Itealan Tornado
Chaill triùir am beatha ann an tubaist eadar dà Thornado air a' mhìos a chaidh.

Tha aithris air tighinn am bàrr mu itealain a chaidh glè fhaisg air bualadh na chèile ann an eacarsaich mhòir chogaidh air Ghàidhealtachd am bliadhna.

Bha dà thachartas ann - fear dhiubh os cionn an Eilein Sgitheanaich, nuair a chaidh itealan Tornado glè fhaisg air heileacoptair Merlin.

Cha robh iad ach 250 troigh bho chèile.

Bha an dàrna tachartas eadar Tornado agus itealan leis an Arm os cionn Mhoireibh, agus coltas ann nach robh iad ach 25 troigh o chèile.

Chaidh triùir phìolatan a mharbhadh ann an tubaist eadar dà Thornado le Feachd Rìoghail an Adhair os cionn Linne Mhoireibh anns an t-Iuchair am bliadhna.