Crann-gaoithe coimhearsnachd gu bhith an sàs

  • 1 An Lùnasdal 2012
An crann ga thogail Image copyright other
Image caption 'S e a' chiad chrann-gaoithe coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar.

Tha dùil gum bi a' chiad chrann-gaoithe coimhearsnachd riamh sna h-Eileanan an Iar an sàs ro dheireadh na seachdain.

Bidh sgeama coimhearsachd Hoirsiadair a' toirt mu £100,000 sa bhliadhna do sgìrean Shiaboist, Dail Mòr agus Dail Beag.

Thèid an t-airgead a chleachdadh son seirbheis bus a chumail a dol agus 's dòcha airson taigheadais.

"Thug e ùine mhòr faighinn cead, ach bha a' bhuidheann ag obair gu math cruaidh gun phàigheadh airson seo a dhèanamh," thuirt Kathleen Dhòmhnallach, bho Chumhachd Coimhearsnachd na h-Alba.

Ceangail-griod

"Bha taic aca tron phròiseas, ach tha rudan mar chead-dealbhachaidh agus ceangail-griod a' toirt tòrr ùine dìreach a' faighinn timcheall duilgheadasan a bhios a' tighinn an-àirde.

"Tha sinn cuideachd air eilean, agus le sin tha diofar dhuilgheadasan a' tighinn le bhith a' dèanamh pròiseict air eilean.

"Tha iad an dòchas £100,000 a bhith a' tighinn a-steach gach bliadhna, agus le sin gheibh a' choimhearsnachd air rudan a dhèanamh mar seirbheis bus, agus tha iad cuideachd a' coimhead ri taighean ùra a dhèanamh anns an àite gus am faigh daoine air a bhith a' fuireach an seo.

"Feumaidh iad a bhith a' pàigheadh airgid air ais cuideachd don Cho-op, agus bheir sin dhà no thrì bliadhnaichean, ach bithidh airgead a' tighinn a-steach fhathast," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile