Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cosnaidhean Ùra

Tha a' chompanaidh BiFab, gus suas ri 350 cosnadh ùr a chruthachadh ro dheireadh na bliadhna. Tha iad air dà chùmhnant fhaighinn airson clàr-ola. Tha dùil gur ann aig prìomh ghàradh na companaidh ann am Fìobha a bhios a' mhòr-chuid de na cosnaidhean, ach cuideachd gum bi obraichean ùra ann an Gàrradh Àranais ann an Leòdhas.

Na Geamaichean Oilimpigeach

Tha connspaid dhrogaichean air èirigh aig na Geamaichean Oilimpiceach. Tha Ye Shiwen, tè-shnàmh Shìonach - a tha 16 bliadhna de dh'aois agus a th' air bonn òr a bhuananchadh aig na Geamaichean, air a dhol às àicheadh drogaichean a ghabhail. Chaidh i corr air aon diog nas luaithe na an uair chlàrichte riamh airson medley nan 400 meatar. Bhruidhinn i a-mach an dèidh coidse Aimeireaganach a ràdh gun robh na rinn i amharrasach.

Siria

Thuirt Àrd-Rùnaire an UN, Ban Ki Moon, gun robh dragh mòr air mu dheidhinn sabaid ann an Aleppo, an dàrna baile as motha ann an Siria. Tha feachdan an Riaghaltais a' feuchainn ri sgìrean air a bheil smachd aig na reubaldaich a ghabhail air ais. Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil feachdan an Riaghaltais air a bhith a' cleachdadh heileacoptairean armaichte anns a' bhaile - far a bheil iad ag ràdh gun do chaill co-dhiù 25 duine am beatha. Tha mìltean air an dùthaich fhàgail agus air cobhair iarraidh anns an Tuirc.

Fear a Dhìth

Tha Poilis Chanada a' coimhead ann an abhainn airson fireannach 50 bliadhna de dh'aois bho Shiorrachd Dhun Bhreatainn. Thathas den bheachd gun deach a bhàthadh an dèidh tubaist air an abhainn. Chaidh cuirp dithis eile a thoirt às an abhainn mar thà.

Mohammed Al Fayed

Tha dùil ris an fhear-ghnothaich Mohammed Al Fayed aig rannsachadh poblach mu phlana connspaideach airson losgadair sgudail a thogail ann an Inbhir Ghòrdain. Tha an làrach faisg air an oighreachd aige aig Baile nan Gobhannan. Tha a' chompanaidh Combined Heat and Gas, a tha air cùl a' phròiseict, ag ràdh gun cuidich an losgadair leis nach tèid uidhir de sgudail a chur fon talamh, agus gun deadh cumhachd a chruthachadh às. Ach tha draghan mòra air nochdadh bhon phobail mun bhuaidh a bheir toit an losgadair air an cuid slàinte.