Pìleat bhon tubaist Tornado ga thiodhlaigeadh
Bha am Flt Lt Àdhamh Sanders air fear dhen triùir a bhàsaich san tubaist
Tha fear dhen triùir phìleatan a bhàsaich san tubaist le dà itealan Tornado anns an Linne Mhoireibh aig toiseach na mìos ga thiodhlaigeadh Dihaoine.
Chaidh an dà thornado, a bha stèidhichte aig Ionad RAF Inbhir Lòsaidh, dhan mhuir air an treas là dhen Iuchar.
'S ann à Formby faisg air Liverpool a bha am Flt Lt Àdhamh Sanders, a bha 27.
Bha na h-itealain air a bhith a' gabhail pàirt ann an eacarsaich trèanaidh nuair a thachair an tubaist.
Thàinig dithis beò às an tubaist - ach bhàsaich fear dhiubh sin, am Flt Lt Hywel Poole, anns an ospadal goirid às dèidh làimhe.
B' ann cealla-deug às dèidh na tubaist a chaidh cuirp Àdhaimh Shanders agus an Sqd Ldr Samuel Bailey a lorg agus a thoirt às an uisge.
Tha an ceathramh phìleat a bha an lùib na tubaist a' faighinn leigheis ann an ospadal airm ann an Sasainn.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~04~RS~)

Prionnsabal ùr air Colaiste na h-Eaglaise Saoire
Àimhreit Fearainn Ùig' ga chuimhneachadh
Craobhan ag iarraidh taic