Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

27 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Geamaichean Oilimpiceach

Fosglaidh na Geamaichean Oilimpiceach ann an Lunnainn a-nochd an dèidh còrr 's seachd bliadhna de dh'ullachadh. Tha mòran dìomhaireachd ann mun chuirm fhosglaidh agus chan eil fios fhathast cò a chuireas teine ris an lasar Oilimpiceach aig Pàirce nan Geamaichean. Mar chomharra air an Geamaichean, bha bualadh ghlac air feadh na dùthcha goirid an dèidh ochd uairean sa mhadainn an-diugh a thòisich aig Big Ben ann an Lunnainn agus a sgaoil air feadh na rìoghachd cho fada tuath ri Sealltainn.

Siria

Thuirt na Stàitean Aonaichte gu bheil dragh orra gun tèid mòran den t-sluagh a mharbhadh ann am baile Aleppo ann an Siria. Chuir Riaghltas Shiria armachd mhòr dhan bhaile far a bheil smachd aig reubaltaich air mòran dheth. Tha aithrisean ann mar-thà gu bheil ionnsaigh ann bhon adhar.

A' Ghrèig

Dh'innis Ceann-suidhe a' Chomisein Eòrpaich, Jose Manuel Barroso, do Phrìomhaire na Grèige, Antonis Samaras, gum feum an Riaghaltas aige na gearraidhean a gheall iad a chuir an sàs, mus fhaigh iad an còrr taic-airgid. Tha còmhraidhean aig Mghr Samaras anns an Àithne an-diugh ri riochdairean nan dùthchannan a tha a' cumail taic ris a' Ghrèig ach tha e coltach gu bheil na dùthchannan sin mì-thoilichte nach eil a' Ghrèig a' cumail ris na gheall iad.

Hydro

Thuirt SSE, a tha ruith a' mhòr-chuid dhen na sgeamaichean dealain hydro, nach bi iad a' dol air adhart le leasachadh sam bith leis gun do gheàrr an Riaghaltas ann an Lunnainn cha mhòr an treas cuid den t-subsadaidh aca. Bha planaichean aig SSE, Scottish Hydro, mar a tha aig a' mhor chuid orra, airson na h-uimhir de sgeamaichean ach tha iad ag ràdh nach tèid iad sin air adhart.

Iasgach

Tha bàll nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid Westminster, Aonghas Brianan MacNèìll ag ràdh gu feum Riaghaltas na h-Alba rannsachadh a dhèanamh air Marine Scotland - a' bhuidheann ris a bheil uisgeachan na h-Alba an urra - mun èiginn anns a bheil iasgach a' mhuirsgein-chaoil air a' chosta an iar. Tha dragh ann gun tèid an t-iasgach air a' chost an iar a gheàrradh air ais gu mòr neo fiù 's a dhùnadh uile gu lèir leis na tha de thralairean mòr a' Chuan a Tuath air gluasad dhan iar - a' ciallachadh gu bheil an ùine a tha ceadaichte a bhith aig muir a' tighinn gu ceann.

Oileanaich

Fhuair rannsachadh ùr gu bheil mìltean a th' air ceumnachadh bho fhoghlam ann an Alba gun obair agus a' strì ri fiachan a phàigheadh. Tha Comairle a' Phobaill ann an Alba ag ràdh gu bheil mòran gun chosnadh idir agus gu bheil an ceathramh cuid ann an dreuchd airson nach fheumadh iad teisteanas. Tha a' bhuidheann ag ràdh gum feum sgoiltean comhairle nas fheàrr a thoirt seachad mu dhreuchdan.