Cruinn-ghaoithe a' ruighinn nan Eileanan

  • 27 An t-Iuchar 2012
Crann-gaoithe
Image caption Bidh aon chrann-gaoithe ann an Siabost, agus trì ann an Uibhist

Tha dùil gun ruig bàta air am bi a' chiad chrann-gaoithe airson pròiseact choimhearsnachd ann an Leòdhas tìr Disathairne.

Bidh an crann-gaoithe aig Leasachadh Coimhearsnachd Horsiadar ann an Siabost comasach air naoi mìle kilowatt de dhealan a chruthachadh.

Bidh am bàta an uair sin a' falbh a dh'Uibhist le trì cruinn-ghaoithe airson Stòras Uibhist.

Misneachd

Thuirt Kathleen Dhòmhnallach bhon bhuidhinn Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba gur e ceum a tha seo a bheir misneachd do bhuidhnean eile anns na h-Eileanan a tha a' beachdachadh air feum a dhèanamh de chumachd na gaoithe.

"Tha e a' sealltainn do dhaoine anns na h-Eileanan dè na buannachdan a th' ann le pròiseactan cumhachd ath-nuadachail airson coimhearsnachdan" thuirt i.

Tha a' bhuidhean a th' air cùl nam planaichean mar-thà air làrach a' chruinn-ghaoithe a chuir air dòigh, agus tha dùil nach toir e ach beagan làithean an crann a chuir ri chèile.

Bheir e mu mhìos ge-tà mus bi an sgeama a' ruith ceart.

Tha dùil an t-airgead a thig à pròiseact Horsiadar a chosg air leithid seirbheis bus shònraichte dhan choimhearsnachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile