Stuth spreadhaidh bhon dàrna cogaidh ga lorg an Eilginn

  • 26 An t-Iuchar 2012
Soidhne sgeama dìon nan tuiltean
Image caption Chaidh an stuth a lorg aig làraich togail air taobh sear Eilginn.

Chaidh eòlaichean-spreadhaidh a ghairm a dh'Eilginn às dèidh do dh'armachd bhon dàrna cogaidh a bhith air a lorg.

Thàinig an stuth spreadhaidh am follais aig làraich far an robh obair a' dol air adhart son am baile a dhìon bho thuiltean.

Bidh sgioba bhon chompanaidh Bactec a' cumail sùil air an obair cladhaidh a tha a' dol air adhart ann an sgìre na Cananaich air taobh sear a' bhaile.

Chuir a' bhuidheann togail Morrisons fios air na poilis dà thuras an t-seachdain sa chaidh às dèidh dhaibh gunna agus pìos de mhèinn-talmhainn a lorg.