Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mearachd nam Bratach

Thuirt luchd-stiùiridh nan Geamaichean Oilimpeaig gu bheil iad den bheachd gun do ghabh Corea a Tuath an leisgeul son na mearachd aig ball-coise nam ban aig Hampden a-raoir far an deach bratach Chorea a Deas fhoillseachadh mu choinneamh sgioba Chorea a Tuath. Choisich sgioba Chorea a Tuath far na pàirce agus bha dàil uair de thide ann mus do thòisich an geama. Tha an dà dhùthaich air a bhith aig cogadh, ann an seadh teicnigeach co-dhiù, bho chion 60 bliadhna.

Eaconamaidh

Dh'aidich am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, gum feum an riaghaltas aige barrachd a dhèanamh son Breatainn a thoirt a mach à crìonadh eaconomaiceach. Tha figearan a chaidh fhoillseachadh an-dè a' sealltainn gun deach toradh na dùthcha, GDP, air ais 0.7% eadar an Giblein agus an t-Ogmhios. Iarraidh am Prìomh Mhinistear air dùthchannan eile airgead a chur an sàs ann am Breatainn nuair a bhruidhneas e ri cruinneachadh de cheannardan poileataigeach agus gnìomhachais a tha air tighinn a Lunnain dha na h-Oilimpeaigs.

Cinn Lois

Thèid ionad an RAF ann an Cinn Lois a dhùnadh gu h-oifigeil aig meadhon latha an diugh nuair a thèid an làrach a thoirt dhan arm. Bidh 700 saighdear bho rèiseamaid einnsinireach stèidhichte ann. Tha dragh ann mun bhuaidh a bheir an dùnadh air eaconomaidh Mhoireibh a bha an crochadh gu mòr air làrach an RAF. Tha tomhas ann gu robh an t-ionad a' cur corr 's £60m ri eaconomaidh na sgìre a h-uile bliadhna.

Siria

Tha aithrisean ann gu bheil an riagahltas ann an Siria a' cur armachd mhòr do bhaile Aleppo far a bheil smachd aig reubaltaich air mòran den bhaile. Tha dragh ann a-nis gun cleachd an riaghaltas aig a' Cheann-suidhe Assad na dh'fheumas iad de neart son am baile a ghabhail air ais agus gum bi call-beatha mòr am measg an t-sluaigh.

Prothaidean Centrica

Thuirt Centrica, a' bhuidheann dham buin Scottish Gas, gun robh àrdachadh prothaid de 23% san earrain den chompanaidh a tha a' reic cumhachd dachaidh. Tha buidhnean luchd-cleachdaidh a' gearain gu bheil na companaidhean cumhachd mòra ro dheònach tuilleadh cosgais a chur air luchd-cleachaidh nuair a tha prìs ola 's gas ag èirigh ach nach eil guth aca air prìsean a ghearradh nuair a tha luach ola 's gas a' tuiteam.

Iasgach nam Muasgan-caola

Tha dragh ann gun teid iasgach a' mhuasgain-chaoil air a' chost an iar a ghearradh air ais gu mòr neo fiù 's a dhùnadh uile gu lèir leis na tha de thràlairean mòra a Chuan a Tuath air gluasad dhan iar. Tha sin a' ciallachadh gu bheil an ùine a tha ceadaichte aig muir a' tighinn gu ceann. Tha Chomann Iasgair nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iasgairean a' chost an iar a' fulang son trioblaid ris nach eil coire sam bith aca fhèin.