Gàidhlig aig Fèis Baile na Marsantachd

  • 25 An t-Iuchar 2012
Gràinne Mhòr
Image caption Bidh Gràinne Mhòr ri fhaicinn air sràidean Ghlaschu Disathairne

Tha an fheadhainn a th' air cùlaibh Fèis Baile na Marsantachd ann an Glaschu a' gealltainn fealla-dhà air an t-sràid tro mheadhan na Gàidhlig còmhla ri Gràinne Mhòr a bhios a' coiseachd air stilts.

Bidh Gràinne Mhòr, neo Ariel Killick mar a th' oirre nuair nach a tha a casan air an talamh, tric a' nochdadh aig fèisean ann an Èirinn ach 's e seo a' chiad turas a bhios i a' taisbeanadh a cuid tàlantan ann an Alba.

'S ann à Astràilia a tha Ariel bho thùs, 's dh'ionnsaich i an dà chuid Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig na h-Alba.

Tha i air cliù a chosnadh dhith fhèin aig tachartasan-ealain air feadh na h-Èireann, far am bi i a' dol a-measg an t-sluaigh ag innse sgeulachdan.

Bidh i a' coiseachd nan sràidean ann an Glaschu Disathairne.

Tha grunn thachartasan Gàidhlig eile cuideachd gu bhith an lùib na fèise am bliadhna.

Bidh cothrom aig daoine beagan Gàidhlig ionnsachadh aig seiseanan còmhraidh ann an Cafe an Tron Dihaoine (27mh) aig 3.30f, Disathairne (28mh) aig 11m agus Là na Sàbaid (29mh) aig 1f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile