Ath-sgrùdadh air lagh an fhearainn

  • 25 An t-Iuchar 2012
Bidh a' bhuidheann ùr a' sgrùdadh diofar ghnothaichean a bheir buaidh air lagh an fhearainn
Image caption Moinnteach Leòdhais

Dh'fhaodadh gu bheil crathadh air fàire do lagh an fhearainn ann an Alba.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba gun tèid buidhean ùr a stèidheachadh, fo stiùir an Dotair Alison Elliot, airson lagh an fhearainn a rannsachadh.

Bidh an t-Oll. Seumas Mac an t-Sealgair agus an Dtr. Sarah Skerratt nan iar-chathraichean air a' bhuidhinn.

Thèid deichnear eile ainmeachadh a dh'aithghearr a bheir comhairle air a' bhuidhinn air gnothaichean leithid lagh, ceistean eaconamach agus coilltearachd.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gu robh e an dòchas gun cruthaicheadh seo ceangal nas dlùithe eadar am fearann agus na daoine.

Fàilte

Chuir a' bhuidhean Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, a tha a' strì as leth choimhearsnachdan a tha, neo a dh'iarradh smachd fhaighinn air an talamh aca, fàilte air an naidheachd.

Thuirt fear-labhairt na buidhne, Iain MacÌomhair, gu robh iad toilichte gu robh an obair seo gu bhith air a dhèanamh, agus leis an fheadhainn a bhiodh ga stiùireadh.

"Tha fios againn gu bheil iad mion-eòlach air suidheachadh na coimhearsnachd agus suidheachaidhean gu math farsaing bho chùisean eachdraidheil, cùisean sòisealta agus cùisean eaconomaigeach" thuirt e.

Thuirt am Prìomh Mhinistear gu robh e an dùil aithisg fhaighinn air na h-atharrachaidhean a tha a dhìth ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile