Beachdan gan sireadh air seirbheis nam maor-cladaich

  • 24 An t-Iuchar 2012
Bàta-slaodaidh Image copyright Simon Riley / MCA
Image caption Bàta-slaodaidh

Tha comataidh còmhdhail Riaghaltas Westminster ag iarraidh air daoine am beachdan a chur thuca air mar a tha seirbhis ùr nam maor-cladaich air a bhith ag obair gu ruige seo.

Ann an 2011 chaidh crathadh mòr a thoirt air an t-seirbhis agus chaidh cuid de stèiseanan a dhùnadh.

Bha dragh gun dùnadh stèisean Steòrnabhaigh cuideachd, ach chaidh a ghleidheadh aig a' cheann thall.

Bidh Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh aig an ath choinneimh aca air dè bhios iadsan airson a chur chun an Riaghaltais.

Beachdan làidir

"Air ar son dheth, tha sinn riaraichte dha rireabh gun deach an stèisean a chumail fosgailte, gach cuid ann an seo agus ann an Sealtainn," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Tha sinn mothachail gu bheil stèiseanan eile air dùnadh, agus 's dòcha gum bi beachdan gu math làidir a' tighinn bho na coimhearsnachdan a tha sin, agus air sgath sin feumaidh sinn freagairt gu math làidir a chur a-steach, airson dèanamh cinnteach às gun dion sinn an t-suidheachadh anns a bheil sinn an dràsta."

Tha an riaghaltas cuideachd ag iarraidh freagairtean mu cheist nam bàtaichean-slaodaidh.

" Chan eil a' chùis sin air a rèiteach buileach fhathast agus tha treallaich obair ri dhèanamh gus am bi sinn cinnteach gum bi i sin air a dhion agus air a ruith ann an dòigh sa bheil sinne comhfhuirtail leis," thuirt Mgr Dòmhnallach mu bhàta-slaodaidh a' Chuain Sgìth.

"Tha ceistean fhathast ann mu dheidhinn càite feidhir a bheil am bàta-slaodaidh gu bhith stèidhichte agus cò tha gu bhith ga ruith."

Feumaidh freagairtean a dhol chun an riaghaltais ron 14mh den t-Sultain.