Cobhair air gheataichean

  • 23 An t-Luchar 2012
Bàta teasargain an t-Òb
Rinn sgioba teasargain an t-Òb cobhair air yacht faisg air Bhaternis

Rinn droch shìde agus gaoth làidir cron air eathraichean sna h-Eileanan an Iar aig an deireadh sheachdain.

Maduinn Di-dòmhnaich ann am Barraigh thàinig air bàta-teasargainn an eilein, cobhair a dhèanamh air dà gheat às dèidh dhaibh na h-acaireachain aca a shlaodadh.

Bha trioblaidean mòra aig an 'Laura' agus 'Bonnie' agus iad cha mhòr a' dol air na creagan ann an cala Bhàgh a' Chaisteil.

Heileacoptair

Bha heileacoptair maor-cladaich Steòrnabhaigh a' feitheamh faisg air làimh feuch am feumte daoine a thogail far nam bàtaichean.

Dh'fhalbh gheat eile leis a' ghaoith an a Rhuma agus chaidh bàta-teasairgainn à Malaig a ghairm gus cobhair a dhèanamh oirrse.

Aig 14:30f Di-dòmhnaich chaidh bàta-teasargainn bhon t-Òb dhan Eilean Sgitheanach gus gheat eile a chuideachadh às dèidh dhan acair aice a shlaodadh ann a Bhatarnais.

A-rithist bha heileacoptair maor-cladaich Steòrnabhaigh còmhla riutha air eagal 's gun rachadh am bàta fodha ach rinn am bàta-teasargainn an gnothach air a' gheat a thoirt gu sàbhailteachd.