HIAL a' trèanadh an luchd-smàlaidh fhèin

  • 19 An t-Iuchar 2012
Port-adhair Inbhir Nis Image copyright Other
Image caption Tha na pròiseasan smàlaidh eadar-dhealaichte a rèir nan diofar làraichean.

Tha a' chompanaidh a tha a' ruith phort-adhair a' chinn a Tuath ag ràdh gu bheil iad ag amas air £100,000 a shàbhaladh sa bhliadhna le bhith a' trèanadh an luchd-smàlaidh aca taobh a-staigh na companaidh.

Tha Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) air cead fhaighinn bho Ùghdarras nan Seirbheisean Adhair sin a dhèanamh.

Tha 11 phort-adhair aig HIAL eadar Arcaibh is Sealtainn cho fada deas ri Ceann Loch Cille Chiarain.

Tha a' bhuidheann a' toirt cosnaidh do chòrr is 200 de luchd-obrach san t-seirbheis smàlaidh aca, agus tha iadsan a' dèanmah iomadh seorsa obrach aig na puirt-adhair.

Bidh an luchd-smàlaidh a' toirt taic do dh'iomadh sheirbheis aig na puirt-adhair leithid a bhith a' glanadh sneachda bho na raointean-laighe agus a bhith a' cuideachadh le bagannan luchd-siubhail.

Tàlant

Tha Manaidsear trèanaidh nan seirbheisean smàlaidh aig HIAL, Seòras Mac an Tàilleir, ag ràdh gur e ceum air adhart gu math mòr a tha gu bhith ann don bhuidhinn gum faod iad a' nis an luchd-obrach aca a thrèanadh iad fhèin.

"Tha seo na chomharra air na daoine a tha sinne a' fastadh," thuirt Mgr Mac an Tàilleir.

"Tha daoine gu math tàlantach agus comasach, agus chaidh sin a dhearbhadh leis gun do ràinig sinn an ìre gu math àrd seo, gum faod sinn an trèanadh againn fhèin a thoirt seachad.

"Cùmhnaidh seo còrr is £100,000 sa bhliadhna dhuinn, a thaobh trèanadh luchd-smàlaidh.

"Agus tha na balaich 's na h-igheanan seo gu bhith a' trèanadh air an làraich, leis an uidheamachd, na daoine agus na pròiseasan leis am bi iad ag obair an còrr de am beatha, a tha eadar-dhealaichte a rèir na làraich.

"Tha e a' tighinn a rèir nam feumalachdan acasan, agus chan fheum sinn ach an trèanadh aca atharrachadh a rèir na làraich aig a bheil iad stèidhichte," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile