Oighreachd a' Chrùin gan dìon fhèin

Loch nam Madadh Chaidh dubh-chàineadh a dhèanamh air Oighreachd a' Chrùin an t-seachdain seo chaidh.

Tha Oighreachd a' Chrùin ag èisteachd ri coimhearsnachdan 's iad a' leasachadh an dòighean-obrach ann an Alba, a rèir fhir de dh'àrd-oifigearan na buidhne.

Bha Roy Evans a' bruidhinn ann an Uibhist a Tuath Diciadain 's e an dèidh a bhith a' coimhead air làrach leasachaidh ùr mu chladach Loch nam Madadh a tha Oighreachd a' Chrùin agus a' bhuidheann Comann na Mara a' cur air bhonn.

'S e a' chiad rud a thèid a dhèanamh, àite a chruthachadh far an gabh suas ri 60 iacht ceangail.

Chaidh atharrachaidhean a tha Oighreachd a' Chrùin a' toirt air an cuid obrach ann an Alba, sgeama Loch nam Madadh nam measg, a chàineadh gu mòr an t-seachdain seo chaidh le gu leòr airson cumhachdan na buidhne gu lèir a thaobh grunnd na mara a thoirt do bhuidhnean ionadail.

Grunnd na mara

"'S e pàirt de na bha sinn a' dèanamh an-diugh, a bhith a' tuigsinn na h-amasan a th' ann, agus far an urrainn dhuinne na th' againn a chur an sàs a thaobh a bhith a' cuideachadh le bhith a' cur air adhart na pròiseactan a tha seo," thuirt Roy Evans, bho Oighreachd a' Chrùin.

"Tha an t-uabhas eòlais aig Oighreachd a' Chrùin a thaobh pròiseactan leasachaidh a thoirt air adhart.

"'S urrainn dhuinn obrachadh còmhla riutha a thaobh dealbhachaidh ghnìomhachais, iarrtasan airson taic-airgid, obair-togail, mar a tha iad air an togail, agus a bhith gan toirt air adhart," thuirt e.

Às dèidh na chaidh de chàineadh a dhèanamh air Oighreachd a' Chrùin is iad a' diùltadh cumhachdan air grunnd na mara a thoirt seachad, chuir Mgr Evans dìon air a' bhuidhinn.

"Chan eil anns na h-aontaidhean manaidsearachd ionadail ach pàirt de shreath de dh'iomairtean ris a bheil sinne a' gabhail gnothaich, agus a tha sinne a' toirt seachad ann an coimhearsnachdan.

"A rithist an-diugh tha sinn air a bhith a-muigh ag obrachadh leis na coimhearsnachdan, a' bhruidhinn riutha, 's ag èisteachd ris na th' aca ri ràdh, agus a bhith a' bonntachadh na nì sinn air na dh'ionnsaicheas sinn bho leithid seo de thuras.

"Dhuinne, 's e pàirt de na h-aontaidhean manaidsearachd ionadail, am pròiseas ionnsachaidh sin a tha sinn air a bhith a' dèanamh thar na beagain bhliadhnaichean a dh'fhalbh," thuirt e.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.