Uallach mu chòmhdhail Earra-Ghàidheal

  • 19 An t-Iuchar 2012
Trèana air bualadh ann an maoim-slèibhe faisg air Loch Obha Image copyright ScotRail
Image caption Bhuail an trèana ann an clachan a bh' air tighinn a-nuas faisg air Loch Obha.

Tha BPA Earra-Ghàidheal, Mìcheal Russell, air uallach a nochdadh mu cho tric 's a tha droch shìde a' cur maill air seirbheisean còmhdhail san sgìre.

Bha Mgr Russell a' bruidhinn às dèidh do mhaoim-slèibhe stad a chur air trèana air an t-slighe eadar an t-Òban agus Glaschu Diciadain.

Bhuail an trèana ann an clachan a bh' air tighinn a-nuas far bruaiche.

Cha deach duine a ghoirteachadh ach bidh an loidhne dùinte gus an tèid a dèanamh sàbhailte.