Dragh air Sgitheanaich mun tart

  • 19 An t-Iuchar 2012
Tap a' sileadh
Image caption Tha turadh air a bhith san Eilean Sgitheanach o chionn seachdainnean.

Dh'fhaodadh gum bi cuid de sgìrean san Eilean Sgitheanach às aonais uisge mur a tig meallan troma a dh'aithghearr.

Tha an suidheachadh air a bhith na thrioblaid gu sònraichte do dhaoine a tha an eisimeil air tobraichean agus fuarain, agus gu h-àraid ma tha stoc aca.

Tha an suidheachadh cuideachd air uallach a nochdadh am measg cuid den fheadhainn a th' air am frithealadh le Uisge na h-Alba gun toir an tiorramachd fhada buaidh air na bhios acasan de dh'uisge.

Beò ann an Dòchas

"Chan eil gainnead sam bith sna pìoban a-staigh - fhathast," thuirt Isa NicNeacail, a tha a' faighinn a cuid uisge bho sheann tobair air a' chroit aice ann am Peighinn an Lìghiche.

"Ach mar a tha mi ag ràdh, chan eil càil de dh'fhios aig mac an duine dè tha roimhe.

"Ma thig uisge air an deireadh-sheachdain, bidh sinn tha mi cinnteach coltach ris a h-uile duine eile, beò ann an dòchas.

"Ach mur a tig 's dòcha an uair sin gum feum sinn smaoineachadh.

"Tha uisge gu leòr agamsa an-diugh.

"Chan eil càil de dh'fhios agamsa am bi mi beò a-màireach, agus mur a bi, cha bhi feum air. Sin agad an dòigh air coimhead air," thuirt i.

Ged a tha turadh air a bhith ann o chionn fhada, tha cuid coltach ri Isa a th' air siostaman uisge prìobhaideach, aig a bheil pailteas uisge.

Tha cuid eile san eilean ge-tà, air a bheil dragh mòr.

"Cha robh uisge san tobair agam o chionn sia no seachd seachdainnean," thuirt Linda Jackson, a tha a' fuireach agus a' cumail chaorach ann an Gleann Dail.

"Tha e dìreach air tiormachadh air fad. Dh'fheumadh uisge a bhith ann fad seachdain airson na tobraichean a bhith air an lìonadh a-rithist.

"Tha croitean agam gun uisge sam bith annta idir, agus feadhainn eile far am bitheadh an loch air a fheansadh dheth gu h-àbhaisteach.

"Ach thiormaich an loch, agus thiormaich an cothrom sin na chois. B'fheudar dhomh caoraich a ghluasad mun cuairt.

"Ach a thuilleadh air sin, chan eil am feur air a bhith a' fàs ro mhath," thuirt i.

Tha Uisge na h-Alba a' cumail sùil air sgìrean Bhatarnais, Càrabost, Caol Acainn agus anns an Ath Leathann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile