Tha dùil gum fosgail rathad am Muile a chàidh a mhilleadh

  • 18 An t-Iuchar 2012
Map & dealbhan dhen B8035 Image copyright Argyll & Bute Council
Image caption Chaidh na h-uidhir de mhilleadh a dhèanamh air an rathad.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ag ràdh gu bheil na h-innleadairean aca a' dèanamh adhartais a dh'ionnsaigh rathad ann am Muile a chàradh.

Chaidh am B8035 deas air an t-Sàilean a dhùnadh bho chionn ghoirid nuair a rinn tuil uisge milleadh air agus air trì drochaidean air a' 5mh dhen Iuchar.

Bha na h-uidhir de luchd-turais air an glacadh air an rathad, ach rinn oifigich bhon Chomhairle cobhair orra.

Drochaidean

Thuirt a' Chomhairle a-nis gu bheil an drochaid thar Abhainn na h-Uamha ga chàradh, 's gum fosgail i air an 23mh dhen mhìos do thrafaig ionadail.

Tha dùil gum fosgail drochaid aig a' Gheàrna air a' 15mh dhen Lùnastal le uachdar eadar-amail air, agus casg-astair gu deich mìle san uair.

Tha seach-rathad ga chur air dòigh seachad air an drochaid thar Abhainn Dhìseig, a dh'fhosglas air an aon là (15mh Lùnastal) le uachdar eadar-amail agus a-rithist, casg-astair de dheich mìle san uair.

Tha dòchas ann gun tèid drochaid ùr a thogail ro mheadhan an Damhair.

Thèid saidhbhearan ùra a chladhach cuideachd far an tàinig creagan 's eile a-nuas air an rathad.

Thug Leas-Cheannard nan Rathaidean 's nan Goireasan aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, an Comh. Raibeart Mac an t-Saoir, taing do sgioba rathaidean na Comhairle agus luchd-obrach airson an cuid saothrach an rathad a chàradh.