Co-chomhairleachadh aig CnES

  • 18 An t-Iuchar 2012
Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Tha gu ruige 30mh an Lùnasdail aig daoine airson beachdan a chur a-steach.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air co-chomhairleachadh ùr a thòiseachadh is iad ag iarraidh beachd an t-sluaigh mu mar a chosgas iad an cuid airgid.

Tha iad gu bhith a' coimhead gu sònraichte air an ath chòig bliadhna.

Bidh a' Chomhairle a' cur ri chèile plana, anns am bi na rudan dha bheil iad airson prìomhachas a thoirt anns na buidseatan aca.

Bidh cothrom an uair sin aig daoine an cuid bheachdan a chur chun na Comhairle mu na rudan a tha a' dèanamh dragh dhaibh, agus tha a' Chomhairle cuideachd ag iarraidh gun cuir daoine fios thuca ma tha beachd sam bith aca air dòighean eadar-dhealaichte anns am bu chòir dhaibh an cuid airgid a chur gu feum.

Gheibh daoine ceisteachain air-loidhne air làrach-lìn na Comhairle agus bidh dreachan dheth air pàipear rim faighinn bho thogalaichean na Comhairle agus bho buidhnean ionadail.

Thathas ag iarraidh air doaine smaoineachadh mu dheidhinn iomadh cuspair leithid crìonadh-sluaigh, sgoiltean, taigheadas, an eaconamaidh, agus rud sam bith eile a tha cudromach dhaibh.

Tha gus an 30mh là dhen Lùnastal aig daoine ri an cuid bheachdan a chur a-steach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile