Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconamaidh na h-Alba

Thill Alba, mar a rinn an còrr den Rìoghachd Aonaichte, gu crìonadh eaconamach. Tha am fiosrachadh a chaidh fhoillseachadh an-diugh ag innse gun deach torradh na dùthcha (GDP) air ais 0.1% air na trì mìosan bho thoiseach na bliadhna. Ach tha naidheachd nas fheàrr ann mu chion-cosnaidh na h-Alba, a thuit airson na ceathramh mìos, sìos mu 14,000 gu 220,000 - sin beagan a bharrachd air 8% den t-sluagh. Bha àireamh nas lugha dhaoine gun chosnadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte cuideachd anns na trì mìosan eadar a' Mhàirt 's an Cèitean. Tha na h-àireamhan as ùire ag ràdh gun robh 2.58 millean duine gun obair, agus tha sin sìos 65,000. Ach chaidh an àireamh a tha a' tarraing shochairean cion-obrach suas còrr is 6,000 sa Chèitean, gu 1,600,000.

Pròiseactan Mòra

Cuiridh Roinn an Ionmhais £50bn mar bharantas ri pròiseactan mòra air an deach dàil le cion-airgid phrìobhaidich. Thèid a' chiad earrainn dheth fhoilleachadh an ceann beagan mhìosan. Thuirt Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, gun toir an sgeama brosnachadh dhan eaconamaidh.

Siria

Thug bomair fèin-mhairbhteach ionnsaigh air togalach leis an Riaghaltas ann an Damascus, prìomh bhaile Siria. Tha telebhisean na Stàite ag aithris gu bheil sabaid mhòr a' dol air adhart ann an Damascus a-rithist an-diugh. 'S bidh oidhirp eile ann an-diugh air stad a chur air an t-sabaid ann an Siria. Tha Àrd-Rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte, Ban Ki Moon ann am Beijing, agus esan ag iarraidh air Sìona gabhail ri casg-bhannan nas cruaidhe air an Riaghaltas ann an Siria.

Flt Lt Hywel Poole

Bidh tiodhlacadh fear de na chaill a bheatha san tubaist Tornado os cionn Linne Mhoireibh bho chionn cola-deug ann an-diugh anns a' Chuimrigh. Bhuinneadh am Flt Lt Hywel Poole do Bangor. Chaochaill esan anns an ospadal ann an Inbhir Nis an-dèidh a thogail às a' mhuir.

RET

Gheall Ministear Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown, gun toir e sùil a-rithist air dragh mu àrdachadh air faraidhean bathair dha na h-Eileanan. Choinnich e ri riochdairean Chomhairle nan Eilean Siar agus chomhaidhean làraidh an-dè a dheasbad atharrachadh air sgeama RET a chuireas a leth-uidhir a-rithist ri faradh coimearsalta. Thuirt Mgr Brown gun dèan Riaghaltas na h-Alba rannsachadh fad sia mìosan air buaidh eaconamach nam faraidhean.

Seach-rathad an t-Sròim

Chuir Ball-Pàrlamaid na sgìre, Teàrlach Ceannadach, ath-chuinge air dòigh a tha ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba airgead a chur ri leasachadh air seach-rathad an t-Sròim air taobh siar Rois. Bha an rathad dùinte airson ceithir mìosan aig toiseach na bliadhna an dèidh do chreig tuiteam os a chionn, agus tha an cunnart sin ann fhathast. Tha coltas ann gun cosgadh na planaichean air a bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' coimhead airson rathaid ùir no drochaid na milleanan mòra, agus tha Mgr Ceannadach ag ràdh gum feum pàirt den airgead sin tighinn bho Riaghaltas na h-Alba.