Diùra a' sireadh dotair-teaghlaich

  • 18 An t-Iuchar 2012
Eilean Diùra Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha an dotair a bh' ann air an t-eilean fhàgail.

Tha Eilean Diùra a' sireadh dotair-teaghlaich làn-ùine a-rithist.

Tha an t-eilean an-dràsta ga fhrithealadh le dotairean Locum, às dèidh dhan dotair a bh' ann, an t-eilean fhàgail.

Thuirt Comhairliche an eilein, Robin Currie, nach e suidheachadh math a th' ann a bhith a' crochadh air locum.

Tha e an dùil ge-tà, gu bheil an t-eilean fhèin gu bhith na tharraing do dhaoine aig am faodadh ùidh a bhith san obair.