Misneachd mu RET

  • 18 An t-Iuchar 2012
MV Eilean Leòdhais Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chaill companaidhean bathair cothrom air faraidhean RET às dèidh ath-sgrùdaidh an Riaghaltais.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad air am misneachadh leis gun tèid rannsachadh a dhèanamh sna sia mìosan a tha romhainn air faraidhean aiseig bathair dha na h-Eileanan.

Choinnich companaidhean bathair agus a' Chomhairle ri Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, ann an Steòrnabhagh Dimàirt.

Ged nach tàinig gealltanas bhon Mhinistear, thuirt e gu bheil e an dòchas gun tèid togail air na còmhraidhean.

Tha dragh air a bhith ann mu cho cosgail 's a tha e do chompanaidhean bathair làraidhean a chur thar nan aiseagan bho thug an Riaghaltas Albannach atharrachadh air mar a tha sgeama an RET ag obrachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile